An Gaidheal Alascanach

Saturday, October 29, 2005

Teaghlaichean dà-chànach (2)

An turas mu dheireadh, bha mi a-mach air teaghlaichean dà-chànanach, air mar gur e deagh bheachd a th'ann.

An turas seo, tha mi airson beagan na abairtean a chleachdas mi leis a'chlann bige. 'S dòcha nach eil iad uile ceart. Tha feadhainn aca a chruthaich mi-fhìn. Tha feadhainn aca nach nochdas idir anns na leabhraichean Gàidhlig.

'S e 'A Ghràidh' a chanas mi an-còmhnaidh ri mo nigheann.

Nuair a bhios iad beaga, feumaidh mi am badan atharrachadh bho àm gu àm. Uaireanan, bith mi ag ràdh:

Feumaidh sinn badan ùr (neo tioram neo glan) a chuir ort.

Tha thu salach,

Tha thu fluich.

Tha fàileas àraidh ort.

Abairtean èile:

'S e àm [faic nas fhaide sìos] a th'ann.

amar-nighe, leapa, suipear, a dhol a-mach, cadail, pràmh (ach 's dòcha gu bheil norrag nas fheàrr)

A bheil thu ag iarraidh bainne. A bheil thu ag iarraidh èisteachd ri sgeulachd.

'S e na h-ainmean bìdh a tha gu math doirbh. Chruthaich mi-fhìn feadhainn na h-ainmean a chleachdas mi. Mar eiseimplir, tha 'cream cheese' ann, uile, do mo nigheann, 's e càise-ìmach a th'ann. Chan eil fhios 'am.

Abairtean eile:

Feumaidh sinn aodach-oidhche a chuir ort. (neo stocainnean, brògan, is mar sin adhart).

Uile ma tha, sin feadhain na h-abairtean a chleachdas mi. Ma tha abairtean feumail a chleachdas sibhse, bhiodh mi toilichte nan chuireadh sibh thugam iad.

Chuck

Monday, October 24, 2005

Teaghlaichean Dà-chànanach

Teaghlaichean dhà-chànanach: 's e slighe gu Ghàidhlig a chùmail beò. Le ach aon gu leth neach as a cheud ann an Alba aig a bheil Gàidhlig, feumaidh a leithid teaghlaichean dhà-chànachadh a bhith ann airson Gàidhlig a chumail beo.

'S chan e Gàidhlig a-mhain. 'S iomadh mion-cànain a th'anns an t-suidheachadh mar sin. Tha boireannach àraidh aig an eaglais agam, tha i pòsda ri fear à Hawaii, 's tha i airson a clann a thogail anns a'chànain nan tùsanach Hawaidheanach. Chan eil Hawaidheanach aice, 's chan eil Hawaidheanach aig an duine aice. Tha beagan Hawaidheanach aig athair a'dhuine aice. Tha mi ga brosnachadh sin a dheanamh. Dhomhsa, tha e air leth cuthdromach nach bàsaicheas mion-chànanan. Ach gus bhiodh a leithid ann, feumaidh na mion-cànanan a bhith comasach a chumail beò ann an suidheachadh da-chànanach. Mar sin feumaidh a bhith a leithid teaghlaichean dhà-chànanach ann.

Seo an t-aisling a th'agam: tha a'mhòr chuid de dhaoine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a'fàs comasach comhraidhean a dheanamh sa Ghàidhlig,neo fiu 's fileanta, 's a'mhòr chuid diubhsan a'togail an cuid chloinne sa Ghàidhlig.

Bu mhath leam a sgrìobhadh a bharrachd mu dheidhinn sin anns na laithean romham.

Sunday, October 23, 2005

Toiseach a'gheamhraidh

Chan eil an dealbhan cho math sa bha mi an dùil ach san dealbh-sa faodaidh sinn beanntainn àirde comhdaichte sneachda fhaicinn. 'S ann o tri seachdainnean a tha sneachd air fhaicinn air mullach nam beann as àirde. Ach an t-seachdainn-sa, fhuair sinn tòrr uisge agus thuit e ann an cruth sneachda anns na beanntan.

On a ghluais mi an seo, chùm mi sùil air sneachd nam beann. Air mullach beinne Center Mtn, bhiodh tòrr sneachda a'maireachdainn tron t-samhradh. Ach mar chaidh na bliadhnaichean seachad, mhothaich mi nach robh an sneachd cho pailte aig deireadh an t-shamhraidh na bha e roimhe. Bhiodh an chiad sneachd a thuiteam na b'anmoiche anns a'gheamhradh 's an deireadh sneachd na bu thràithe.

Tha cuimnhne 'am ann an 1999, bha mi a'sealg gobhair-beine air an dearbh beinn aig chiad deireadh sheachdainn an t-sultain. Bha tòrr sneachd air fhàgail on gheamhradh roimhe agus thuit beagan sneachd nuair a bha sinn ann.

Co-dhiugh, am bliadhna, cha robh ach beagan beagan sneachd air fhàgail air deireadh an t-samhraidh. Ach an t-seachdainn sa chaidh, thuit tòrr sneachd aig toiseach a'gheamhraidh. 'S dòcha le tòiseach a'gheamhraidh mar sin, bhiodh cùisean ag atharrachadh, gum bhiodh beagan sneachd a bharrachd an ath-bhliadhna na bha ann am bliadhna.

Cùmaidh sùil oirre, agus cuiridh mi aithris an seo.

Chuck Posted by Picasa

Thursday, October 20, 2005

Diùltadh òrdugh mi-laghail.

Tha sgeul agam mu dhiùltadh òrdugh mi-laghail. 'S ann nuair a bha mo bhrathair anns an arm, aig toiseach a dhreuchd. Bha iad a'deanamh eacsarsaidh 's bha iad a'losgadh peileiran ann an da-riribh. Bha mo bhrathair ann an toll 's bha na peileirean a'bualadh timcheall a thuill. Sin a'phuing an eacsarsaidh. Nuair a bhios iad a'toirt ionnsaidh don nàmhaid, bith na saighdearan air cùlaibh an loidhne a'frasadh h-uile càil le peilearan, na loidhnichean nan nàmhaid agus na loidhnichean adhartaich nan saighdearan cairdeach. 'S bhiodh iad ag àrdachadh ceum air cheum an losgaidh. Feumaidh na saighdearan cairdeach nochdadh on an tuill nuair a sguireas na peilearan a thuiteam air an timcheall 's dhol an àird an nàmhaid nuair a bha iadsan fhathast nam falach bho na peilearan. Feumaidh na saighdearan cairdeach a bith cho fasg don bualadh nan peilearan s a s'urrainn dhaibh.

Uill, latha a bha seo, bha mo bhrathair na tholl, 's na peilearan fhathast a'bualadh mu thimcheall nuair a ràinig òrdugh air an reideo gus nochdadh e as an toll. Uill, bha na peilearan fhathast ann. Uill, thòisich an caipteann eigheachd air an reideo, 's thuirt e rim bhrathair: tha mi a'toirt òrdugh dhut: dean seasamh.

Uill, sin an fhreagairt mo bhrathar: Come and make me.

Freagairt freagarrach nach e!

Chuck

Sunday, October 16, 2005

Còmhradh le saighdear on Irag.

Bha mi aig an eaglais sa mhadainn agus chunnaic mi ghùis ainichte ach nach bu choir a bhith ann. Bha m'inntinn rudeigin troimh-chèile 's ch do chuir dà 's dà còmhla. Cha b'ann ach na b'fhaide a thuig mi cò a bh'ann. Dh'iarradh oirnn fàilt a chuir do a bha air ais bhon Iraq airson beagan laithean saora. 'S e fear na buidhne ionadail a'gheàird naiseanta a dh'fhàg Kodiak chum an Iraq an-uraidh. Tha beagan mìosan air fhàgail dhaibh.

Co-dhiubh, as deidh na seirbhis, chruinnich triùir againn mu thimcheall agus 's iomadh ceist a chuir sinn air. Cha robh dad a dhìth oirnn ach solas làidir ri dearrsadh na shùilean. Agus abair còmhradh inntinneach!

Sa chiad a dol a-mach, dh'fhaighnich sinn e dè tha e a'deanamh san dùthaich, a bheil iad sàbhailte, a bheil iad a'faighinn fras-nighe gu laitheal 's rudan mar sin. Thuirt e gum bith iad a'deanamh freaceadan-faire timcheall an àite. Thuirt e gu bheil iad gu math sàbhailte. Tha a'mhuintirr gu math dòigheil dhaibh 's toilichte bu bheil iadsan ann, gu h-iongtach. Thuirt e gu bheil duine ann a chail a bhrathair nuair a chaidh na h-Ameireaganaich a-steach an tòiseach. Ach a dh'aindeoin sin, tha e toilichte gu bheil iad ann. Thuirt iad gu bheil na clann gan cruinneachadh mun timcheall nuair a theid iad a-mach 's 's iomadh fiosrachadh a bhios na clann a'toirt dhaibh.

Dh'fhaignaich mi dheth a bheil an t-arm Iragach gu mòr ann an sàs. Thuirt e gu bheil. Thuirt e gu bheil e gu math foilliseach dhaibh gu bheil an t-arm a'fàs nas làidire na bha iad roimhe 's gu bheil iad a'giulain a'mhòr chuid den obair an-dràsda.

Mar eiseimplir, tha rathad ann, ma thuig mi e gu ceart, 's e rathad eadar a'phuirt adhair agus Bagdad fhèin. Co-dhiugh, bha na reubaltaich gu math làidir ann uaireigin. Chaidh an t-arm Iragach a-seach gu làidir, 's iomadh freacadan-faire a nì iad, 's chuir iad ruaig air an nàbhaid.

Tha rudan eile a tha gu math dòchasach dha, gu bheil sinn a'buannachadh. Tha an comas brathaidh an nàbhaid a'fannachadh gu mòr 's an comas againne a'fàs nas làidire. Gu tric, tha fios againne air ionnsaichean laithean ro-làimh.

Dh'fhaignich mi dheth mu na h-ionnsaichean an-aghaidh na buill ùra an airm Iragach 's gu tric tha leth ceud leònte 's marbh. Thuirt iad gum bu toigh le na Iragach gan cruinneachadh còmhla fiu s ma tha sin 'toirt cothrom don nàbhaid. Nuair a tha na h-ameireaganach a'deanamh chan eil ann ach ceithrar gus nach caileadh iad tòrr dhaoine aig an aon àm. Ach nuair a bhios na h-Iragach a'cruinneachadh buill airson an airm, bith na h-ameireaganaich a'cumail air falbh.

Ach mar a thuirt mi, tha e den bheachd gu bheil na reubaltaich a'fannachadh. Gu tric o chionn greis, fius nuair a bhios cothrom mòr dhaibh mar comhla mòr buill ùra an airm, tha iad eucomasach ionnsaich a dheanamh.

Thuirt e rudan eile a tha gu math inntinneach. 'S duilich nach nochdas comhraidhean mar sin air an telebhisean.