An Gaidheal Alascanach

Thursday, May 31, 2012

A'toirt Gunna air bòrd Itealan





S iongnantach mar cho furasda sa tha e gunna a thoirt air bòrd itealan sna Stàitean Aonaichte, gu laghail tha mi a'ciallachadh!

Tha mi a'siubhail cuide ris an teaghlach agam an-diugh. Tha sinn a'dol a Kodiak far am bi bainis ann. As dèidh sin, bith sinn ann an Anchorage fad seachdain. Shaoil mi gum biodh e math nan robh gunna agam fhad sa tha sinn a'siubhail. S e daonnan a'cheist a tha fa-near dhimh nuair a shiubhaileas mi, 's e ciamar a bheireas mi díon. Agus mar as trice, ma ghabhas sin a dhèanamh gu laghail, 's e gunna a thaghas mi.

Airson siubhail air itealan, feumaidh an gunna a bhith ann an cèis chruaidh ghlaiste. Agus feumaidh e a bhith air a 'checked-in' 's chan ann cuide riut fhèin air bòrd an itealain.

Chaidh mi dhan chunntair an-diugh 's a'chiad rud a rinn mi 's e gun do dh'innse mi dhaibh gu robh gunna falamh am broinn na cèise cruaidh a bha mi a'toirt dhaibh. Thug an tè seo pàipear dhomh a bha toirt mionnan gu robh an gunna falamh. Chuir mi m'ainm air.

Agus an uair sin, dh'iarr an tè seo orm dhol dhan doras nam feachdan-tearainteachd 's a dh'èigheachd orra gu bheil gunna agam! Shaoileadh tu gum b'e seo dearg amaideas ach sin a rinn mi, a'deanamh cinnteach gur 'gunna falamh' a thuirt mi. Thàinig an duine a bha seo thugam. Thug e a'chèis bhuam gus sgrùdadh a dheanamh dheth. Nuair a bhe e deiseil, dh'èigh e air ais thugamh gu robh e ceart gu leòr 's b'e sin e. Bha mi deiseil dhol dhan a'gheata.

Bha e cho símplidh ri seo!

An dealbh: sin a an gunna a th'agam. Gunna beag a tha glè freagaireach a thoirt ann am pòcaid.