Collaiste na Gàidhlig USA, Aithris
Bu mhath leam aithris nas coileanaiche a dheanamh air cùrsa goirid na Gàidhlig a rinn mi ann an àite brèagha Vermont aig deireadh an iuchair. Tha an cùrsa air a chur air dòigh le Collaiste na Gàidhlig à Alba Nuadh. 'S abaist dhaibh cùrsaichean goirid a dheanamh ann an Alba Nuadh fhèin fad an t-samhraidh. Ach airson an darna thuras, rinn iad cùrsa anns na Stàitean Aonaichte, ann an Vermont.
Gu èibhinn, mar SMO bith an cùrsa a'tachairt ann an seann sabhal, ach sabhal airson carbaidean. Bith an cùrsa a'tachairt air Shelburne Farm, beagan mìltean gu deas o Bhurtlington, Vermont. 'S e sean tuachanas a th'ann, ach tuachanas nach fhaca thu a-riamh, le ceangal leis an teaghlach Vanderbilt. Faodaidh an sabhal a bhith na thaigh airson dhaoine beartach.
Mhair an cùrsa còig lathaidhean agus bha còigh uaireanan de chùrsaichean ann gach latha. Ghabh mise tri uaireanan Gàighlig agus dà uair pìobrachd gach latha. Ach mar a bha an t-seachdainn a'dol seachad, dh'atharraich mi gu dà uair òrain Gàidhlig seach pìobrachd. Rinn mi sin airson dà adhbhran. Bha mo mi nigheann nas sìne airson òrain Gàidhlig a dhèanamh. Agus gu sònraichte, 's i Màiri NicAoghnais a bh'ann an tè-theagaisg. Tha sinn ga h-aithnaicheadh air sgàth gur h-i a bhios a'dèanamh nan programan Rannan 's Orain airson Cloinne air telebheisean Gàidhlig. Tha teipeichean Gàidhlig agam, agus bith ise a nochdadh annta gu tric agus tha mo nigheanan gu math measail oirre. Mar sin, bha i uabhasach fhèin sònraichte a bhios ag ionnsachadh òrain Gàidhlig o Màiri NicAoghnais.
As deidh latha làn Gàidhlig 's òrain 's pìob 's mar sin adhart, bha tachartas ann a bha gu math spòrsail. Mar eisimplir, oidhche ciadin, mar seòrsa chèilidh ann far an robh na luchd-teagaisg a'seinn 's a'cluiche 's ag innse dhuinn òrain. Mair sin torr 's dà uair a thìde agus bha e uabhasach fhèin math.
Feasgair diardaoin, bha cothrom aig na h-oilinich a'seinn 's a'cluich 's mar sin adhart. Cha robh mi cinntineach dè a bu chòr dhomh a dhèanamh. Bha na faclan an òrain An Eala Bhan agam. Mar sinn chuir mi romh a sheinn nam aonar 's gun inneal ciùil gam chuideachadh . Cha do rinn mi a leithid a-riamh roimhe sin.
Ro an t-òran a seinn, thuirt mi anns a'Ghàighlig agus anns a'Bheurla gur i cànan gu math feumail sa tha a'Ghàighlig. Tha i feumail airson fàilte a chùr ri chèile, airson clann a thogail. Ach a bharrachd air a sin, tha bàrdachd as brèagha a chunnaic mi a-riamh anns a'Ghàidhlig.
'S an uairsin, mhìnich mi An Eala Bhan mar litir a'ghaoil sgrìobhte ag àm a'chiad chogaidh agus faodaidh sinn èisteachd ris mar shaighdear a bhiodh ga sgrìobhadh neo mar a leannann a bhiodh ga leughadh. Agus mhìnich mi gach rann a sheinn mi.
As deidh làimh thàinig boireanach thugam 's deòir na sùilean. Thuirt i gu robh an t-òran gu math ciallach dhi. Oir bha an duine aice dìreach air tilleadh air ais o Falluja far a robh e airson ochd mìosan. Bha mo bheul fosgailte 's theab na deòir a tighinn do mo shùilean-sa. Bha na faclan an òran nam phocaid. Thug mi dhi iad. Bhruidhinn bu beagan comhla. Bha mi toilichte air a son-sa.
Thachair rudan eile ach innisich mi dhuibh iad nas fhaide.
Chuck
3 Comments:
hi chuck,
tha mi eòlach air an làrach-lìn ud gu dearbh. is toigh leam www.thelatinlibrary.com cuideachd. agus tha feadhainn eile ann aig daoine gearmailteach, mar eisimpleir www.gottwein.de 's e tidsear sgoile a th' ann, tha mi a 'smaoineachadh, agus tha tòrr teacsan agus gràmar agus fiosrachadh eile mu laideann agus greigis aige.
tha mi ag ionnsachadh beagan seann greigis an-dràsda :)
deagh dhùrachd,
mona
... agus tha mi a' faicinn gun robh ùine sgoinneil agad aig colaisde na gàidhlig! :)
Chuc, tha thu a’ toirt seachad faireachdainn làidir sa chuid sgrìobhaidh agad ‘s tha deagh ìomhaigh de na tachartasan ri fhaighinn cuideachd.
Post a Comment
<< Home