Laithean Saora ann am Montreal
Tha mi air na laithean saora agam ann an Canada, ann am Montreal. Tha mi air bhith ann o chionn tòrr is da sheachdainn. A’ chiad seachdainn, bha mi ann am Vermont aig cùrsa na Gàidhlig. Chòrd sin rium gu mòr. ‘S Collaiste na Gàidhlig a Alba Nuadh a bha a ruith a’chùrsa.
Tha e inntinneach dhomh a bhith ann a Quebec. Dh’fhuirich mi tri bliadhna deug ann an Quebec. Chaidh mi dhan sgoil Fhraingis. Dh’fhàs mi fileantach sa chànan agus bha Fraingis na cànan laitheal dhomh. Ach an-dràsda, ged nach eil doileadas sam bith agam ri Fraingis a thuigsinn, ‘s e Gàidhlig a tha airson tighinn tro mo bhilean seach Fraingis. Tha mi a’fearchdainn rudeigin gòrrach nuair a chuireas cuideigin ceist rium san Fhraingis 's bith a leth cuid mo fhreaggairt anns a’Ghàidhlig!
Co-diugh. Tha tòrr teaghlaichean dà-chànanach ann am Montreal. ‘S e cultar gu math dà-chànanach a th’ann am Montreal agus chan eil e a’coimhead neonach idir do na sean cairidean agam gu bheil mi a’togail mi nigheann ann an dòigh dà-chànanach ged a bhiodh an roghainn de cànan a’coimhead car neonach dhaibh.
Tha làrach linn èile agam, saoilidh mi gum bhiodh e math nan rinn mi ‘Togail na cloinne sa Gàidhlig’ mar fear de na cuspairan air an làrach linn sin.
Rudeigin èile a tha gu math inntinneach dhomh. Thachair mi ri fear a chaidh don China. Bha e ag ionnsachadh Chinis. Bha e ann airson 5 seachdainnean. Thuirt e gu robh e comasach comhraidhean a dheanamh ann an dòigh simplidh sa Chinis as deidh ach còig seachdainnean. Còig seachdainnean. Chluinnich mi a-riamh gur e cànan doirbh a th’ann an Chinis. ‘S dòcha gu bheil tha ag ionnsachadh a leubhadh, thuirt e, ach ma tha thu airson labhairt ‘s comhraidhean a dheanamh sa chànan, chan eil doirbh idir.
1 Comments:
Chuir sin nam chuimhne an t-òran: ‘Je reviendrai à Montréal’
Post a Comment
<< Home