An t-Oranaiche
Nuair a bha mi ann am Vermont aig Collaiste na Gàidhlig USA, fhuair mi cothrom leabhar cheannach. 'S e An T-Oranaiche a th'air agus 's e cruinneachadh bàrdachd a th'ann. Tha e air a ath-fhoillseachadh le Sìol Cultural Enterprises à Alba Nuadh. Chaidh e foillseachadh airson a chiad thuras ann an 1879.
Tha 585 duilleagan bàrdachd san leabhar seo agus dhomh-sa 's e leabhar gu math prìseil a th'ann. A bharrachd air a sin, tha rudeigin ann nach robh anns an chiad fhoillseachadh: CD le ficheadh òrain air an seinn.
Tha òrain ann de gach seorsa. Orain a tha a-mach air na Fuadaichean (Fàsachadh na Gàidhealtachd, Gàidhlig (Am Faigh a'Ghàighlig Bàs?), òrain gaoil, orain chogaidh (Togaibh a'Bhratach).
Ged a tha an leabhar seo rudeigin cosgail, mhollainn an leabhar seo. 'S iomadh uairean a bha mo shròn na dhuilleagan nuair a bha mi air saor-laithean.
Chuck
1 Comments:
'S math a rinn Siol Enterprises. Tha iad ag iarraidh Eilean an Ionmhais (?Treasure Island) a-mach sa Ghaidhlig.
Post a Comment
<< Home