An Gaidheal Alascanach

Monday, December 06, 2004

Total Physical Response - dòigh air leth airson Gàidhlig ionnsachadh

Lorg mi rudeigin inntinech aig ceangail a leantainn mu Mgr Finlay MacLeòid a tha air cuairt ann an Alba Nuadh ag ionnsachadh dòigh ùr airson Gàidhlig ionnsachadh do luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig.

http://www.gaelic.ca/indexframe.htm

Tha mi air a leithid bheachdachadh o ùine mhòr. Dhòmhsa, chan e feumail idir a tha na dòighean tradaiseanta airson cànanan theagasg. Tha mi a'ciallachadh clasaichean 's leabhraichean 's liostachan fhaclan ùra 's liostachan riaghltas grammair is mar sin adhart. Seachdain as deidh a chuir cuideigin liosta sam bith na chuimhne nach bith ach leth ceud as a ceud fhathast na chuimhne, agus as deidh, s dòcha, mios neo bliadhna, chan e ach còig as a ceud. Mar sin, chan e iongatach idir, mara a tha e, nach urrainn do dhuine fiu's cupa coffee òrdhachadh ann an Gàidhlig neo cànan sam bith a bith cuideigin ag ionnsachadh. Tha an dòigh sin cànan dh'ionnsachadh rudeigin mar a'taomadh na mara le cliabh!

S e le bhith ag èisteachd ris a'chànan an dòigh a tha mise a'cleachdadh airson Gàidhlig dh' ionnsachadh. An deireadh sheachdain seo, chaidh mi air cuairt sealg. Chunnaic mi mòran beathaichean, rinn mòran nì, agus nam cheann, bha mi comasach cuid na bu mhotha nan nì a bha mi a'deanamh mhionachadh ann an Gàidhlig. Agus b'urrainn dhomh a h-uile bheathach dh'ainmeachadh a chunnaic mi ach aon (sea otter). Nam cheann co-dhiugh. Tha mi den bheachd gur e an dòigh ionnsachaidh as coireach.

Tha mi dhen bheachd gun dh'ionnsaicheas cuideigin tuilleadh le chlas mu cuspair sam bith air a teagasg tro mheadhan na Gàidhlig na bhiodh e le clas far bhios Gàidhlig air a theagasg tro mheadhan a'Bheurla.

S e cuthdromach a tha sin air sgàth gun a bhios a daoine soirbheachail gàidhlig dh'ionnsachadh ann, gheidh an cànan bàs.


1 Comments:

Anonymous Anonymous said...

Tairgse iasaid


Tha Kendal Capital a tha a ’frithealadh Millionaires meadhan-chlas a’ faighinn iasad aig 3%
ìre rèidh aig 15 bliadhna aig a ’char as àirde gus an iasad a phàigheadh air ais.

A bheil feum agad air iasad èiginneach gus do ghnìomhachas pearsanta a thòiseachadh ?? ?
Tha e comasach dhuinn iasad sam bith a tha a dhìth a thoirt dhut. Ma tha ùidh agad cuir fios chun phost-d seo: kendalservingmiddleclassmillio@gmail.com

Boggie Hanczaruk

5:32 AM  

Post a Comment

<< Home