An Gaidheal Alascanach

Thursday, September 17, 2015

Stad leis a' Phoileas 's Gunna Agam


Chuir am Poileas stad orm a-raoir.  Bha solas thoiseach a'chàir agam briste.   Rud eile: bha gunna-làimhe agam fo chleith.  Ann an Alasga, chan ann an aghaidh an lagh a tha seo.  Ach nuair a th' agad ri còmhradh a dhèanamh leis a' phoileas, feumaidh tu innse dha sa bhad gu bheil gunna-làimhe agad.  Mura innse, bhiodh tu ann an trioblaid.

Mar sin, nuair  thòisich e ri bruidhinn rium chuir mise stad airsan 's thuirt mi gun b' fheudar dhomh innse dha gu robh mi airmaichte.  Saoilidh mi gun do ghabh e iongnadh rud beag.  "Taing mhòr airson sin innse dhomh" thuirt e.  Thòisich sinn an uair sin ri còmhradh a dheanamh mun an t-solas a bha briste.  Dh'innse mi dha gu robh mi mothachail gu robh an solas briste 's bha mi a' feuchainn ri àm stèidheachadh leis a'gharaidse airson a chàrachadh.

'S ann an uair sin thuirt e: "Theab mi diochuimhneachadh an ID agad iarraidh ort."  Thòisich mi greimeachadh airson na màideid agam 's an uair sin stad mi.  B'ann ri taobh na màileid agam a bha an gunna agam.  Thuig esan dè a chuir stad orm.  "Tha sin ceart gu leòr, cait a bheil an gunna agad?" "Air mo seachd làmh an uaireadair, 's ciotach mi. "  Mar sin thug mi an cead-dràibhidh agam dha.

Beagan as-dèidh thill e 's dh' fhaighnich e dhomh: "Carson a tha cead giùlainn agad?"

An rud a th'ann 's e cha leag leas cead a bhith agad airson giùlainn ann an Alasga.  Tha rudeign mu leth dhusan stàitean ann, Alasga nam measg, far a bheil còir aig an t-sluagh ri ghùlainn as aonais cead.  Mar sin, carson a tha cead agam?  Ueill, gus am bith còir agam ri ghiùlainn anns na stàitean (tha suas ri ceathrad dhiubh ann) a bhios a'toirt aithne dhan chead againne.  'S sin a thuirt mi ris.

Leis a sin, thug e cead dhomh leantainn orm air mo shlighe agus b' e seo deireadh a' chòmhraidh againn.

Rud a tha inntinneach mun a'choinneachadh a bha seo 's e mar a bhiodh e air tachairt ann an grùnn aitichean eile far nach e ceadaichte ri giùlainn.  Bha fios aig a' phoileas an seo gu bheil cuid dhen t-sluagh armaichte 's gu bheil còir againn air a sin.  Tha iad air an trèineadh ciamar dèileachadh ri daoine a tha a'giùlainn a-rèir an lagh 's cha tèid iad as an rian nuair a choinnicheas iad ri daoine a tha armaichte.  Aig a' cheart àm tha mi fhìn mothachail gu bheil aig na poileas dèileachadh ris a h-uile seorsa dhaoine 's chan eil fios aca idir cò mi.  Ach nuair a dh'innseas mi dha gu bheil mi armaichte, a-reir an lagh, chan e seo rud a chìthear gu tric a na h-eucearaidh


7 Comments:

Anonymous ev depolama said...


A number of people get protection

2:43 AM  
Anonymous ev depolama said...

Select all images with grass

2:44 AM  
Anonymous ev depolama said...

faster, more reliable top quality

2:46 AM  
Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Tha seo inntinneach. Saoghal eile.

7:24 PM  
Anonymous kiralık depo said...

güzel bir paylaşım olmuş teşekkürler

4:49 AM  
Blogger evden eve said...

https://www.evdepolama.gen.tr/

1:05 AM  
Anonymous depolama said...

ev eşyası depolama

1:06 AM  

Post a Comment

<< Home