An Gaidheal Alascanach

Sunday, October 28, 2012

An gabh Romney buannachadh as aonais Ohio?

An t-seachdain sa chaidh, sgrìobh mi mu mar a tha làmh an uachdar aig Mitt Romney ged a tha na cunntais-bheachd a'cantainn gu bheil Romney agus Obama gu math faisg air a'chèile. Ach chan eil sin ach pàirt dhen sgeul. Chan ann a-rèir bhotaidhean an t-sluaigh de na Stàitean Aonaichte a thèid Romney neo Obama a thaghadh ach a-rèir bhotaidhean-taghaidh (neo electoral votes ann am Beurla). Ged a tha còrr 's 300 million duine a tha a'fuireach anns na Stàitean Aonaichte 's ged a thèid còrr 's 100 million duine ri bhotadh, chan eil ach 538 bhotaidhean-taghaidh airson Cheann-suidhe. Tha iad air an roinn eadar na stàitean a-rèir co-mheud riochdairean 's seanadairean sa th'aig gach stàite. Tha aon riochdaire agus dhà sheanadair aig Alasga. Mar sin tha trì bhotaidhean taghaidh againne. Airson buannachadh, feumaidh tu 270 neo barrachd bhotaidhean-taghaidh a bhuannachadh.

Rud eile. Ann an 48 de na stàitean, ma bhuannaicheas tu an stàit, bhuannaicheas tu na bhotaidhean-taghaidh dhen stàite sin air fad. Bha Florida na deagh eiseimplir de sin ann an 2000. Ged a bha Gore agus Bush an ìre mhath co-ionnan ann an 2000 ann an Florida, bhuannaich Bush na 25 botaidhean-taghaidh a bh'innte air fad air sgàth gu robh esan corra bhotaidhean air thoiseach air Gore.

Mar sin, dh'fhaodadh cuideigin buannachadh anns an electoral college gun a bhith buannachadh a'mhòr cuid de botaidhean an t-sluaidh air fad. Thachair sin trì tursan ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte: 1876, 1888 agus 2000.

Agus seo a'phuing: ged a tha Romney a'buannachadh a-rèir nan cunntas-bheachd as leth na dùthcha air fad, tha e a'call ann an Ohio. Tha Ohio uabhasach fhèin cudthromach mar stàit san Electoral College. Thar an fhicheadamh linn air fad, seachd Kennedy ann an 1960, cha do bhuannaich duine an Taigh Geal as aonais Ohio.

Coimheadamaid air a'mhapa ann an 2000:




Bha an taghadh cho faisg sa ghabhas. Bhuannaich Bush le 271 bhotaidhean-taghaidh an aghaidh na 267 a bh'aig Gore. Nan robh Bush air aon stàit eile a chall bhiodh e air an taghadh a chall.

Ach tha dhà cunntais-shluaigh air a bhith ann bho'n uair sin agus tha roinn nan bhotaidhean-taghaidh air atharrachadh:




Nan bhuannaicheadh Rimney na dearbh stàitean sa bhuannaich Bush ann an 2000, bhiodh 285 bhotaidhean aige. Ach de na stàitean a bhuannaich Bush ann an 2000, tha Obama a'buannachadh ann an Nevada agus ann an Ohio. Leis a sin, bhiodh 261 bhotaidhean aig Romney agus bhuannaicheadh Obama an taigh geal. Ma chailleas Romney Ohio, feumaidh e tè neo dhà de na Stàitean bhuannachadh. Tha ceithir stàitean ann a bhuannaich Gore ann an 2000 a dh'fhaodadh Romney bhuannachadh am bliadhna:

Wisconsin 10

Michigan 16

Minnesota 10

Pennsylvania 20

Ma bhuannaicheas Romney tè de na stàitean sin, buannaichidh e an taigh geal fiù 's as aonais Ohio. Neo ma choimheadas sinn air a'chùis tro shùilean Obama: feumaidh Obama Ohio a bhuannachadh gun a bhith call tè seach tè de na ceithir stàitean Gore sin.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home