An Gaidheal Alascanach

Sunday, September 04, 2011

Fianais as ùire mu rùn Sarah Palin




Líbhrich Sarah Palin òraid DiSarthaine a tha a'togail ceistean as ùr feuch an tèid i fhèin a-steach san iomairt airson ceann-suidhe.

Ged nach eil i a' dearbhadh neo a'dol às àidhchedh an tèid neo nach tèid i an tòir gu bhith na ceann-suidhe, bha fianais gu leòr san òraid aice a leigeadh crèidinn gu bheil rùn aice leum a-steach san iomairt.

Sa chiad dol a-mach, thabhainn i plana eaconomaigeach. Carson a dheanadh i sin mura robh rùn aice leum a-steach dhan rèis? Am measg sna tha i a'moladh: cuir as do Obama Care 's riaghailtean eile a tha a'tachdadh an eaconomaidh. Tha i a' moladh leasachadh nan goireasan ola agus gas a th'againn rud a chruthaicheadh tòrr cosnaidhean dha-riribh 's nach cosgadh aon sgillin dhan riaghaltas. An fhírinn, gheibheadh an riaghaltas buannachd as a sin o na tighinn a-steach ùra a bhiodh an cois a bhith a'cur tòrr daoine air ais a dh'obair.

Agus gus am bi na Stàitean Aonaichte nas tarraingiche do ghníomhachas, tha i a'moladh cur as do chísean air companaidhean air fad agus cur as do thaic 's subseadaidhean bhon riaghaltas do chompanaidhean àraidh cuideachd. Tha moladh leigeil dhol fodha companaidhean nach eil comasach seasamh as aonas taic bhon riaghaltas.

A bharrachad air a sin, thog i teagamhan san òraid aice mu na tagraichean poblachdach eile san iomairt. Chan e a-mhàin faighinn cuideas Obama an ath-bhliadhn. Ceart cho cudtromach, 's e cò a chuireas sinn na àite. 'S iomadh uair a chaidh sinn ar mealadh le glèidhtich bhreugaich, an fheadhainn chanas dhuinn na rudan as toil leinn a chluintinn aig àm an tadhaidh 's as dèidh làimh a thilleas air ais do na caraidean aca ann an Washington.

Aig a'cheart àm, thàinig cunntas-beachd am bàrr gu 71% de na poblachdach an aghaidh gun tèid Sarah Palin an sàs san iomairt.

An t-seachdain-sa, bith dha dheasbad ann am measg tagraichean nam poblachdach. Tha mi fhín a'taobhadh ri Hermain Cain. Sin an duine as fheàrr leamsa chur an àite Obama an ath-bhliadhn.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home