An Gaidheal Alascanach

Sunday, April 24, 2011

An Tea-Party agus an Deasbad Eaconomaigeach ri thabh Cosgaisean an Riaghaltais

Dh'fhaignich cuideigin dhìom an latha eile air dè a tha fa-near do na Deamocrataich ri thaobh nan geàrraidhean a tha na Poblachdaich a'moladh sna Stìatean Aonaichte.

Cha robh mòran freagairt agam aig an àm. Ach ‘s e ceist chudthromach a th’ann. Air cùil an èigheachd ‘s na h-ùpraid, tha deasbad mhòr chudtromach a tha ga leantainn ri thaobh eaconomaigeachd. Tha na deamocrataich a’dlùth-leantainn eaconomaigeachd Kenyesianach, sin far am bith an riaghltas a’toirt piseachd dhan eaconomaidh le bhith cosg airgead neo ann an dòigh nas motha na sin ‘s mar a tha an riaghltas a’deanamh an-dràsda, le bhith clò-bhualadh airgead. Dhaibhsan, an rud as fheudar ‘s e bhith cosg barrachd airson piseachd a thoirt dhan eaconomaidh. ‘S e dearg amaideas th'ann a bhith cur sàs geàrraidhean aig àm mar seo. Agus an fheaghain a tha moladh geàrraidhean, na Tea Partyers, uaill, nach iadsan a tha anabarrach fhèin aineolach ri thaobh eaconomaigeachd. Seagh, sin a tha iad a'cantain mun deidhinn.

Tha fear-beachd nn, Paul Krugman fear-eaconomaigeach a bhuanaich duais Nobel ann an eaconomaigeachd an an 2008 's a tha sgrìobhadh as leth na New York Times. Tha esan a’ riochdachadh gu math an seasamh sin.

Ach dhomhsa, chan e ‘s gu bheil na Tea-Partyers aineolach ri thaobh eaconomaigeachd, ‘s e s gu bheil iad air an earbsa a chall às eaconomaigeachd Kenyesianach. Nan robh a–riamh cothrom do Kenyesianachd a dhearbhadh mar cho math sa tha i mar bhun-bharail eaconomaigeachd, b’e seo an t-àm.

Rinn an riaghaltas a h-uile seòrsa rud airson piseachd a thoirt dhan eaconomaidh agus tha an staing ann fhathast. Bha an Stimulas ann 's TARP cuideachd. Cheannaich an riaghaltas GM 's chaidh an deficit am meud, bho $400 billion as car a bu mhiosa fo Bhush suas gu ìre leantainneach $1.5T a-nis. Agus an t-airgead a tha dhìth a clò-blualaichidh am Federal Reserve chòir fo’n fhacal bhrèagha Quantitative Easing. Agus as dèidh sin uile, ged a tha an an eaconomaidh fhathast caogallach, aon rud as cinnteach 's e gu bheil tòrr mòr fiachan againn a-nis. 'S na deamocrataich? Tha iadsan ag ràdh nach robh an stimulu mòr gu leòr. Sin a tha an leihid Paul Krugman a tha na nàdar de fhear-labhairt eaconomaigeach do na Deamocrataich ag ràdh.

Ach tha na Tea-partyers ag ràdh, 's mathaid nach eil Kenyesianachd cho math sa tha sibh a'saoineachadh. Nach bu chòir dhuibh fa ceisneachadhcha a-nis? Tha an eaconamaidh fhathast ann an staing, tha tòrr daoine gun chosnadh agus tha na fiachan oirnn a’sìor dol am meud. Tha sinn a’coimhead mar a tha na h-Èireannaich ‘s na Grèigich a’call smachd air an dùthchannan aca fhèin ‘s mura a bheil sinne an dearbh rud a dh'fhulaing, feumaidh sin smach fhaiginn air ar cuid ionmhais.

2 Comments:

Blogger Graisg said...

"Quantitative Easing" Chan eil an sin ach Roulette Russanach. Dh'fhaodadh tu faighinn as gu sabhailte a' chaid, dara, treas, ceathramh turas, msaa, ach sa bhad dh'fhaodadh coltas Weimar a bhith air cuisean.
Luchd-politigs an e iadsan na daoine as cunnartach a th'againn nar coimhearsnachdan?

12:35 AM  
Anonymous Anonymous said...

Ach, a Ghraisg, càit a bheil an atmhorachd ana-mhòr sin a-nis, ma-thà?

(Sorry for my bad Gàidhlig; is mise Duitseach a th'annam.)

3:40 PM  

Post a Comment

<< Home