An Gaidheal Alascanach

Friday, March 05, 2010

Briseadh dùil: Cha tig an cuairt-seilg air Bison gu buil

Rinn mi no dhìcheall, rinn mi mar a b'fheàrr a b'urrainn, ach ge b'e gach oidhreap a rinn mi, cha tig an cuairt-seilg agam gu buil 's 's e briseadh-dùil a th'ann gu dearbh.

Feumaidh mi ràdh sa chiad dhol a-mach, chan e miann as motha a th'ann dhomh a bhith marbhadh Bison. 'S toil leam sealg ceart gu leòr, ach 's e corra bliadhnaichean on a rinn mi sealg ceart. Saoilidh mi, 's ann o nach eil cus aig mo nighean as sìne a tha dhen aois dhol air cuairtean-seilg. Fad na bliadhnaichean mu dheireadh, nan rachainn air cuairt-seilg, rachainn gun chuideachd bho'm theaghlach fhìn.

Ach 's e sgeul eile leis an nighean as òige agam. Tha ùidh mhòr aice anns a'chaile co-ceangailte ris an nàdar, ris an taobh a-muigh. Tha i dhen aois dhol air cuairt a mhaireas latha neo dhà. Nan robh corra bliadhnaichean na bu shìne, rachadh i cuide rium gun teagamh. Ach the i ro òg an-dràsda airson cuairt mhòir air a'mhonadh.

Co-dhiù, cho-dhùin m'athair gum biodh an sealg seo cus dha. Chan e rud suarach a bhith làimhseachadh beathach aig a bheil suas ri sia ceud kilo de chuideam 's a cuid feòla a'giulainn air ais dhan campa agad. Cuideachd, faodaidh e a bhith fuar gu leòr fhathast sa mhàirt air a' mhonaidh ann an Alasga. Bha dùil agam deileachadh ri 20C fo ìre reothaidh co-dhiù. Ach cha bhiodh na annas nan tuideadh e sìos gu 30 neo a bharrachd fo ìre reothaidh, 's tusa a'feuchainn do chumail blath ann an teanta neo le teine fad seachdainn mar sin. Ged a bha mi fhìn deònach dhol an sàs ann, cha do coimhead m'athair air a sin mar rudeigin tlachdmhor.

Dh'iarr mi air seann charaid dhomh ann an Kodiak cuideachd. Tha ùidh mhòr ann 'adventurean mòra' ma dh'fhaodas mi sin a ràdh. Agus gu dearbh, bha ùidh mhòr aige, ach bha a chuid ionmhais ro theann airson dhol ann.

Mar sin, as aonais cuideachd, b'fheudar am pròiseachd seo leigeil seachad. A uell, feumaidh mi chumail nam chuimhne nach b'e seo am miann as motha a th'agam.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home