An Gaidheal Alascanach

Sunday, September 13, 2009

Mathan air an t-sligh a dh'obair

Madainn Haoine sa chaidh, bha mi air mo bhaighsagail air mo shlighe dhan obair mar as àbhaist, a' dol tro raoin-sgoile a cheangaileas dà rathad nuair a chunnaic mi à oir mo shùla mathan nach robh ach trì neo ceithir troigh bhuam, dìreach ri mo thaobh leis an fhìrinn innse. 'S ann san fheur a bha e, a cheann shìos a' coiseachd a dh'ionnsaigh na sgoile mar a bha mise a' dol air falbh bhon sgoil. Cha robh e mòr 's cha robh e beag. 'S ma nì mi toimheis le mo shùilean, a'deanamh coimeas leis a'mhadadh-àllaidh, chanainn gu robh am mathan cho àrd ri Romeo ach caran na bu reamhaire. Chanainn ma tha gu robh am mathan eadar 150 's 200 puinnd de chuideam. Beagan ro mhòr nan tigeadh cùisean gu ceann ri ceann 's mi gun arm.

Feumaidh mi aideachadh cha mòr nach do stad mo chridhe nam uchd. Ach lean mi orm adhart 's thug mi sùil air ais airson deanamh gu robh sinn a'dealachadh o chèile gu ceart. An uair sin, nuair a choimhead mi air mo shlighe adhart, chunnaic mi càr a bh' air stad ri thaobh an rathaid. Cha bu lèir dhomh an dràibhear gu ceart, ach cuiridh mi geall gu robh e air stad a dh'aona-ghnothaich airson fhaicinn air dè a thachradh nuair a thachrinn-sa ris a'mhathan 's gun teagamh gun do ghabh fealla-dà às.

Agus b'e seo seo deireadh na sgeòil ach a-mhàin seo: smaoinich mi air na sgoilearan a thòisicheadh an sgoil a ruigsinn an ceann trì ceartail na h-uaireach 's mathan faisge air làimh. Nuair a ràinig mi an oifis, chuir mi fòn chun na sgoile ag innse dhaibh gu robh mathan san nàbaidheachd. Gu nèonach, 's gann gun thug iad for sam bith do na dh'innse mi dhaibh. Dh'innse an tè a bha seo nach b'ann san àite a chunnaic mi am mathan a bhios na sgoilearan a'faighinn far nam busaichean. Cha thuige mi dè bha i a' ciallachadh. Chan e mac-samhail mathain a chunnaic mi ach mathan beò a tha làn comasach na leth-cheud slat a th'ann eadar an dà àite a choiseachd ann an dà dhiog mar a thogradh e. Mu dheireadh, cho-dhùin i dhol a-mach airson deanamh cinnteach nan robh e fhathast faisge air làimh mus ruigeadh na sgoilearan.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home