Darna Latha an Jasper
Bha mi airson aithris a dheanamh beagan na bu thràithe na seo, ach 's iongntach mar a bha ceangal dhan eadar-lìonn air a bhith caran gann sna làithean-sa. An darna dealbh a tha seo, 's ann a chaidh e a thogail aig mullach gondola faisg air Jasper. Bha cianal fhèin fuar 's gaothach 's bha frasan sneachda ann cuideachd. Ach, bha na seallaidhean brèagha, choisich sinn air taobh na beinne far nach robh na gaothan cho làidir.
A'chiad dealbh, 's ann a chaidh a thogail corra dhiog bhon bhothain far an robh sinn a' fuireach. Gu h-iongntach, cha robh e cho cosgail, gu h-àraid nuair a smaoineachas tu gur ann air a roinn eadar sianar a bha na cosgais. Bha seithrichean ann, glè bheag de mheana-chuileag. Chòrd e rium gu mòr meòrachadh air na seallaidhean.
Rud eile, ged nach robh ùine gu leòr againn sin ri dheanamh, tha mòran slighean rothaireachd ann, mìltean mòra a ghabhas triall air bhaighsagail. Sin a bu math leam dheanamh latha dhe na làithean.
Tha sinn uile duilich nach eil tuilleadh ùine againn fuireach ann seo.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home