An Gaidheal Alascanach

Saturday, April 18, 2009

Còmhla-Ciùil Québecois ann an Juneau



'S e latha fada a bh' ann dhomh Diciadain. Bha sinn ann an Ketchikan airson an latha agus bha mi air a bhith air chois bho mhoch sa mhadainn agus bha mi seachd sgìth nuair a ràinig sinn am port adhar aig deireadh an latha a thilleadh dhachaidh. Bha an t-itealan caran fadalachd 's nuair a chaidh mi air bòrd cha robh dad a bha fa-near dhomh ach mo suidhe a lorg 's mo shùilean a dhùnadh. Ach fhad sa bha mi a' dlùthachadh air an t-suidhe agam chaidh m' aire a ghlacadh le rudeigin gu tur eadar-dhealaichte: cainnt à m' òige air a bruidhinn le triùir: dual-chainnt Fraingis à Québec a chuala mi.

B' e seo mo chainnt làitheal iomadach bliadhna nuair a dh' fhuirich mi ann an Quebec. Ach ghluais sinn a dh' Alasga ann an 1989 ach 's e glè glè ainneamh a chluinneas mi i bhon uairsin. Agus 's ann gu mòr air diochuimhe a bha seo nuair a chuala mi an triùir seo a' bruidhinn san dearbh dual-chainnt a bh' agam-sa, feumaidh mi aideachadh gun tàinig tuinn cianalais thairis orm.

An rud a bh' ann, 's e comhla-chiùil a thàinig a Juneau airson Fèis Bliadhnail Alasga (Alaska Folk Festival). Bha fios agam mar tha gu robh iad a' tighinn ach chaidh e buileach à m' inntinn gus a chuala mi iad. Chaidh mi fhìn 's mo nighean as sìne èisteachd riutha oidhche ardaoine agus chòrd e rinn gu mòr. Thàinig iad cuideachd dhan sgoil m' ighne. Òran as fheàrr leam, 's e C'est ben dommage a tha a-mach air duine leisg a tha a' leigeil a theaghlach a chuid obrach gu lèir a dheanamh timcheall an taighe. An t-seist an òrain 's e "Ils font de belle ouvrage." Gu math èibhinn.

Ma tha uidh agad sùil a thoirt orra, seo an ceangal dhan làrach-lìnn aca far an cluinnear dhe na h-òrain aca:

http://www.detempsantan.qc.ca/

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home