Geamhradh tlachdmhor 's greamhradail
Uill, 's e geamhradh gu math tlachmhor a th' air a bhith againn, gu thàiridh thar na trì seachdeannan mu dheireadh. Làithean mòra an streath a chèile a bha grianach fuar, apaidh airson sgitheadh. Leis gu bheil cù again a tha làn spionaidh mura toir thu a-mach i, thèid mi a-mach air cuairt sgithidh cha mhòr a h-uile latha.
An latha, theid suas gu eadar -5 's +1 C, air an oidhche, sìos gu eadar -10C 's -21C. Bha i -21C an-diugh. 'S ann air baighsaigeal a thèid mi a dh' obair ma tha na rathaidean glan gu leòr dhen t-sneachd. Diardaoine, bha i -16C agus 's e cuairt fhuar a fhuair mi, co-dhiù, bha mo chasan fuar ged a bha mo cheann fallasach. Sin an rud mun an fhuachd. Faodaidh tu a bhith blàth gu leòr san fhairseagneachd ach gu bheil ball neo dhà dhe do chorp gu tùr reòidhte.
'S inntinneach, gu ruige seachdainn ron an Nollaig, 's gann gun d' fhuair sinn aon bhloigh sneachda, mu sia oirlich leis an fhìrinn innse. An uair sin, thòisich an sneachd agus cha mhòr nach do stad e idir gu ruige a' chiad seachdainn a' Ghearainn. Latha as deidh latha, tuilleadh sneachd a bh' agam ri sgioblachadh far an raoin-pàirce againn, dà òirlich, sia òirlich, dà òirlich dheug aig amannan. A' chiad seachdainn a' Ghearain, bha còir 's ceathrad sa ceud òirlich sneachda air tuiteam, seo fichead òirlich air thòiseach air far an robh sinn bho chionn dà bliadhna nuair a thuit tuilleadh sneachd na bliadhna sam bith eile on a nochd daoine geala sa sgìre seo. Agus thuit an uidhir seo taobh a-staigh sia seachdainnean!
Ri thaobh blàthachadh na cruinne, chan eil teagamh sam bith gu bheil e ann. Leis na h-eighr-shruthan a tha mu thimceall oirnn, tha e gu math foilliseach gu bheil e a' tachairt. Rinn mi bhideao airson a' cho-fharpais Filmg air a' chuspair seo. Ach tha mi caran amharasach gur e mic an duine as coireach. 'S tha adhbhar sìmplidh airson sin: 's e gu bheil am blàthachadh air a bhith ann fad dà cheud gu leth bliadhna co-dhiù. O chionn còrr is da cheud bliadhna bha an t-àite far a bheil mi an-dràsda còmhdaichte le deigh. Tha dùil agam bhideo a dheanamh air a' chuspair-sa uair neo uaireigin. Agus mura bheil mic-an-duine as coireach airson blàthachadh na cruinne, faodaidh an aimsir atharrachadh uair sam bith. Ach airson an-dràsda, 's e an sgeul ris an canar Blàthachadh na Cruinne a thathar a innse anns na naidheachdan. Anns na naidheachdan, 's e prìobhachas a gheibhear tachartas sam bith a bheireas taic dhan sgeul-sa. Agus 's gann gun chluinn thu guth air tachartas nach toir taic dha, air neo 's e fiùs breug a chluinneas tu. Mar eiseimpleir, an uiridh, chaidh innse dhan t-saoghal mhòr gu robh geamhradh na bu bhlàithe nan àbhaist ann an Alasga. Cha robh e fìor. Bha fhios 's cinnt aig a h-uile duine ann an Alasga gur e geamhradh na b'fhuaire nan àbhaist a bh' againn. 'S e trì bliadhnaichean an sreath a chèile a th' air a bhith againn nas fhuaire nan àbhaist agus chuala sinn aithris ionadail an uiridh gu robh na raoin-deigh air cùl Juneau a' fàs a-nis. 'S beag an t-iongadh dhaibh-san a tha a' fuireachd ann an Juneau. Ged a tha cas nan eighr-shruthan fhathast a' leaghadh air ais gu h-ìosal, faodaidh sinn faicinn gu h-àrd gu bheil an deigh a' fàs.
Co-dhiù, ged a tha e fuar gu leòr an-diugh, faodaidh an geamhradh briseadh uair sam bith 's gum bi làithean blàtha an earraich againn.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home