An Gaidheal Alascanach

Sunday, January 11, 2009



Tha e air a bhith gu math sneachdach sna làithean-sa. Chanainn gun do thuit suas ri tri tròigh thar an t-seachdainn-sa chaidh.

An t-seachdain-sa, bha mi san oifis 's tòrr mòr sneachd ann. Bha seid-sneachd a' ruith taobh a-muigh an oifis agam. Thuirt mi ri co-obraiche, he, tha iad a' gearradh an fheòir, a' leigeil orm gur e an samhradh a bh' ann. Rinn e gàire. Chuala mi buille air a' bhalla bhon taobh a-muigh. Hey, thuirt mi ris an co-obraiche a-rithist, feumaidh iad a bhith faiceallach leis na clachan, faodaidh iad cron a dhèanamh air an fhaobhar. An uair sin, thòisich na buill a bhreabadh ris an uinneig ('s e pìosan deighe a bh' ann). Hmm, thuirt mi rium fhìn, faodaidh na clachan tìghinn tron ghlainne.

'S ann an uairsin a thòisich an uinneag a dh' fhosgladh fo phutadh an t-sruth 's an sneachd a dòirteadh a-steach. O mo chreadh, thuirt mi rium fhìn. Dh' fheuch mi an uinneag a dhùnadh 's a ghlasadh ach cha robh dòigh ann ri a ghlasadh. Chùm mi orm a cùmail dùinte fad 's a bha an sneachd a' sruthadh na h-aghaidh. Mu dheireadh, stad an sruth sneachda. Cha robh ann ach beagan sneachd air an làr 's air an deasg. Smaoinich dè a thachradh mur a robh mi ann. Dh' faodainn a bhith air falbh airson adhbhar sam bith 's bhiodh cnap mòr sneachd air an deasg agam nuair a thiginn.

Tha sin a' cuir nam chuimhne sgeul a chuala mi bho charaid dhomh a dh' obraich uaireigin anns na beanntain ann an California. Bha iad a' sèideadh sneachd far na rathaidean 's b' fheudar dhaibh, an sgioba sèid-sneachda, a bhith faiceallach faisge air na taighean ach dhìochuimhnich iad. Bha an taigh a bha seo falamh sa gheamhradh ach bhiodh na daoine a' tìghinn air ais as t-earrach 's nuair a thill iad, bha an taigh aca làn sneachd. A rèir coltais, an rud a thachair, 's e gun do dhìochuimhnich an sgioba sèid sneachd 's sheid iad an sneach air an taigh aca gu dìreach, a' briseadh a-steach tron na h-uinneagan 's ann am prìobadh na sùla, lìon iad an taigh gu lèir le sneachd. Chan fhaca na daoine leis an robh an taigh an sgrios a thachair gus an do thill iad as t-earrach 's an taigh aca lìonte gu tur le sneachd.

Cha robh iad air an dòigh.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home