Staid Iomairt an taghaidh sna Stàitean Aonaichte
Uill 's e cola-deug math math a th' air a bhith aig Iain McCain 's 's e fìor dhroch chola-deug a th' air bhith aig Obama.
O chionn cola-deug, bha cunntas-beachdan an àrd airson Obama mu 6 puing air thoiseach air McCain, ach bha trioblaidean mar tha air fàire do Obama. Dh'ainmich McCain Riaghladar Alasga, Sarah Palin gu bhith na tagraiche airson iarr-cheann-suidhe cuide ri Iain McCain. Cha robh dùil idir idir aig iomairt Obama air an taghadh a rinn McCain. Cha b' aithne dhaibh i 's cha robh na h-argmaidean aca na h-aghaidh. Dh' fheuch iad a càineadh san dol seachad 's rinn iad mòran mearachdan an sreath a chèile. Shaoileadh tu gur an ann aghaidh Palin seach McCain gu robh Obama a' strì. Thuirt na deamocrataich nach robh eòlas gu leòr aig Palin airson a bhith na iarr-cheann-suidhe gun a bith smaoineachadh idir mar gu robh sin a' toirt aire nan luchd-bhotaidh air laigse a th' aig Obama san dòigh seo. Fiù's ma bhuanaicheas iad an argamaid an aghaidh Palin dè am buannachd a bh' ann dhaibh?
Cuideachd tha arm de luchd-lagha ann an Alasga ri feuchainn salchar neo correigin a lorg an aghaidh Palin. Agus an àite an tosd a chumail gus am bi iad cinnteach mu na tha iad a' lorg, thèid iomradh sam bith a lorgas iad do na pàipearan naidheachd gu dìreachd. Buil: nàire air ais dhan iomairt Obama fhèin. Agus ma lorgas riamh dad a tha fìor, saoilidh mi nach creid a mhòr-shluagh e co-diù air sàilleamh an t-sreath de rudan nach robh fìor.
Agus an t-seachdainn-sa, chleachd Obama an samhla "lipstick on a pig." Mhìnich Obama as deidh làimh gu robh e a' ciallachadh gu robh Palin na lipstick air McCain a bha na mhuc san t-samhla-sa. Ach domh-sa, 's e seo fianais mar gur e fear-poileataigs fhathast òg 's eu-eòlach a th' ann an Obama. An do dhìochuimhnich e an samhla ainmeil a chleachd Palin fhèin seachdainn ron a sin nuair a chleachd i an samhla "lipstick on a pitbull?" Tha na deamocrataich a' gearrain gu bheil iomairt McCain a' deanamh breug gu robh Obama a' ciallachadh Palin nuair a thuirt e 'pig.' Ach aig a' cheann thall, 's e giobht a thug Obama dhan iomairt McCain 's chleachd iad e.
Agus dìreach an-dè, thuirt iomairt Obama gun srìtheadh iad, bho sin a-mach, gu daighean an Mccain. A' chiad dearbhadh dhe sin? Sanas a bha a'cuir sìos air McCain air sgàth nach eil e a' cleachdadh puist-dealain. Ach dhìochuimhnich iad gu deach corragan McCain a bhriseadh iomatach thuras nuair a bha e na phrìosanach ann an Hanoi 's nach eil comasach taidhpeadh. Agus dè an diofar co-dhiù? Canamaid nach ann air sgàth gu robh McCain air fulaing airson a duthcha nach eile comasach a taipeadh, dè an diofar? Feumaidh gu bheil adhbhran nas cudtromaiche na sin co-dhiù. Fianais a bharrachd gu bheil Obama na thagraiche a tha òg 's fhathast eu-eòlach.
Chan eil sin a' ciallachadh gu bheil McCain mar tha air buannachadh, idir, idir. A-reir nan cunntas-bheachdan, tha McCain eadar 2 's 5 puing air thoiseach air Obama. Faodaidh McCain a' mhòrshluagh a bhuannachadh gun a bhith buannachadh san electoral college. Agus faodar cuideachd an làmh an uachdair a th' aig McCain a sgaoileadh leis a' ghaoith. Tha ùine fhathast aig iomairt Obama an cuid mearachdan a chuir ceart 's greim a ghabhal air cùisean as ùr.
Ach an cunnart a th' aig iomart Obama 's e mar a dh' mhàireas na beachdan aig luchd-bhotaidh nas fhaide, 's ann nas cruaidhe a bhios e an atharrachadh.
3 Comments:
Democrats have a puzzle with a code name "Palin Problem". They have to solve it, and to do it effectively, because the prize is the White House.
Sarah is everywhere these days. No matter, if there are negative responses, rumors and resentments; or praises, support and encouragements. She filled media, and not only in America. Palinmania is spreading all over the world - everybody has their opinion on the new political celebrity of US.
The Palin avalanche is winning against Obama inundation. How should Democrats defeat her? Would it be better just keep their line of campaign and ignore populist idol of Republicans? Or should they put out their claws, oppose her and show her the real politics? http://www.votetheday.com/polls/to-defeat-palin-260/ - give advice to Democrats, if you think there still is an effective advice for them...
'a'cuir sìos air McCain air sgàth nach eil e a' cleachdadh puist-dealain'
Chan eil a leithid sin gu moran feum, saoilidh mi gum bi feadhainn faisg air laimh comasach p-d a taipeadh airson McCain.
Agus a bharrachd air sin tha sin a' deanamh dimeas air a h-uile duine gun choimpiutair - chan eil a h-uile a' tuigsinn p-d agus a h-uile cail a tha sin chan eil sin a' ciallachadh gur e daoine gorach gorach a th' annta air sgath's nach eil eadar-lin sna taighean aca.
'S e amadan a th' ann an Obama!
Bha seo cho suarach ma tha McCain comasach p-d a dheanamh neo nach eil. Agus 's e mearachd do Obama air sgàth gu bheil e a' deanamh damaiste mas miosa dha fhèin gun mòran dùil damaist a dheanamh dhan duine eile.
Post a Comment
<< Home