An Gaidheal Alascanach

Sunday, August 31, 2008

Sarah Palin, Riaghladair Alasga agus a-nis tagraiche Iarr-Cheann Suidhe nan S.A.!

Chuala mi mu trì mìosan air ais gu robh ùidh aig Iain McCain ann an Riaghladar Sarah Palin gu bhith na h-iarr-cheann-suidhe cuide ris. Bha iomradh ann ans siud 's an seo gu robh sgioba rannsachaidh bho iomairt McCain airson a bhith deanamh beagan rannsachadh mu deidhinn.

Uill, bhon uair sin, bha mo shùilean 's mo chluasan fosgailte airson iomradh sam bith agus thòisich mi meòrachadh air a' cheist seo, dè seòrsa de thaghadh sa bhiodh sin dhan iomairt McCain agus mar a bu mhotha a smaoinich mi air, 's ann a b'fheàrr a bha seo nam shùilean. Sna làithean mu dheireadh, bha mi fhìn 's cuid de na caraidean agam ar bioran feuch an rachadh McCain le Palin. Agus aig a' cheann thall, sin a rinn e agus bha sinn air ar dòigh.

Uill, chuir sinn iogngadh mòr air an t-saoghal agus tha e foilliseach gu bheil sgioba Obama gu mòr air aineol air a' bhoireannach seo a chuir crathadh mòr air saoghal nam poileataigs ann an Alasga sna bliadhnaichean mu dheireadh. Duine bochd.

A-rèir sgeul nan deamacratach, chan eil ann ach boireannach a th' air a bhith na riadhladar stàite bhig dà bhliadhna 's ron a sin mayor baile bheag ann an Alasga. Uill, tha beàrn mòr cudthromach a tha dhìth sa sgeul seo agus innse mi sin dhuibh.

Gu ruige 2002, bha Palin na mayor baile Wasilla. Ann an 2006, bhuannaich i gu bhith na Riadhladar Alasga. Agus anns na bliadhnaichean eadorra, choisinn i cliù mhòr dhi fhèin mar ghaisgeach an aghaidh cealgaireachd ann am poileataigs ann an Alasga. Chaidh i tron structur cumhachd ann an Alasga mar claich tro ghlainne. Agus aig an deireadh, b'fheudar do thriùir daoine cumhachdach an dreuchd a leigeil dheth: fear-stiùiridh na Parti Pobladach, an Àrd-Fhear-Lagha na Stàite agus an Riaghladar fhèin 's i na riaghladar na àite!

Ann an Lùnastal, 2002, theab Palin buannachadh mar thagraiche iarr-riaghladar airson nam Pobladach. 'S e fear a bha seo, Loren Leman a bhuannaich, ach bha ise gu math faisg air agus as deidh sin, nuair a bhuannaich am pobladach Frank Murkowski gu bhith na riadhladar, chaidh ise a taghadh leis mar comhairliche air Coimisean Ola agus Gas ann an Alasga, buidhinn caran cudthromach ann an stàite far a bheil ola agus gas cho pailt.

Nise, beagan fiosrachadh mu Frank Murkowski. Duine cho cam sa ghabhas. Bha na sheanadair aig ìre nàiseanta fad bliadhnaichean agus ann an 2002, chuir e roimhe gu bhith na riaghladar na stàite. Bhuannaich e agus mar riaghladar, bha còir aige cuideigin a thaghadh gu bhith na sheanadair na àite. Agus cò a thagh e? Cò ach a nighean fhèin! Bha e a' cumail a-mach gur ise a b' fheàrr san stàite air fad airson an oifis sin. Chan e sin ach blasad de mar cho sa bha 's tha poileataigs ann an Alasga. Chuir sin fearg air muinntir Alasga, ach bha e coma.

Uill, chunnaic Palin gu robh cealgaireachd cuideachd ann an Coimisean Ola agus Gas. Ghearan i dhan riaghladar. Cha tug e for dhi. Fon lagh a bh' ann aig an àm, bha casg oirre dad a chantann mun t-suidheachadh seo gu poblach. Dh' fhàg Palin a dreuchd mar comhairliche gus am bi i saor bruidhinn gu poblach. Agus aig a' cheann thall, b'fheudar do co-comhairliche (a bha cuideach na stiùriche na Parti Pobladach) agus àrd-fhear-lagha na Stàite an dreuchd a leigeil dheth. B' fheudar dhan Àrd-fhear-lagha binn-airgid de $10,000 a phàidheadh!

Aig an dearbh àm sa bha sin a' tachairt, bha an Riaghladar Murkowski a' cuir co-dhunadh ri chèile eadar an Stàite Alasga agus trì companaidhean ola aig a bheil raointean-ola sa cheann-a-tuath Alasga airson pìob ola a thogail eadar Alasga agus tìr-mòr nan Stàitean Aonaichte. Proiseact uabhasach fhèin mòr ach a dh' ainedeoin sin a chaidh an ri chèile gu prìobhaiteach. Bha gearrain mhòra ann, ach bha an riaghladar coma agus lean e air.

Ach lean Palin oirre cuideachd. Chaidh i an aghaidh riaghladair Alasga mar phobladach ann am bun-taghaidh ann an Lùnasdal, 2006 agus bhuannaich i. Nise, 's glè glè ainneamh a chailleas cuideign aig ìre bun-taigh nuair a tha e anns an oifis mar tha. Ach chaill e, agus bhuannaich Palin san t-Samhain, 2006 gu bhith na riaghladar Alasga.

As deidh dhi buannachadh, chaidh casaidean cealgaireachd chuir an aghaidh cuid de na riochdairean dhen legislature, 'S ann nam Pobladach a bha iad, an dearbh parti sa bha Palin. Chaidh cuid diubh a lorg ciontach 's chaidh iad an cuir ann am prìosan.

An rud a cudtromach cuimhneachadh 's e gu robh Palin, sa mhòr chuid a' strì an aghaidh cealgaireachd na parti fhèin. Agus tha i air a bhith soirbheacail ann an dòigh a tha iontach.

Ach cha robh Palin deiseil fhathast. Shad i an co-dhunadh a bha seo leis na companaidhean ola air a do rinn mi iomradh roimhe, shad i e air an t-sitig agus thòsich i co-dhùnadh ùr a chuir ri chèile airson pìob-gas a thogail eadar Alasga agus tìr mòr nan Stàitean Aonaichte agus an turas seo, tha am proiseact a' dol a-nis, air a chuir ri chèile le tairgse fon lagh airson buannachd Alasga.


Sin agaibh am boireanach air a bheil sgioba Obama a' coimhead mar bhoireanach suarach! Beagan uairean as deidh gun deach i ainmeachadh mar thagraiche iarr-cheann-suidhe, thuirt deamocratach neo correigin gu robh i ann am pocaid nan companaidhean ola! 'S ise a chuir gu mòr an àrd na cìsean a th' aca ri pàidheadh ann an Alasga airson an cuid ola a tha iad a' pompadh aisde.

Mar a thuirt mi, tha iad gu mòr air aineol air Sarah Palin.

1 Comments:

Anonymous Anonymous said...

Who knows where to download XRumer 5.0 Palladium?
Help, please. All recommend this program to effectively advertise on the Internet, this is the best program!

6:55 PM  

Post a Comment

<< Home