Leirmheas: Mama Mia
Leirmheas: Mama Mia
Nochd am fiolm Mama Mia ann an Juneau an t-seachdain-sa. Chaidh dithis co-obraiche agam fhaicinn.
Feumaidh mi aideachadh bho thoiseach, chan fhaca mi am fiolm Mama Mia 's mar as àbhaist, chan fhoghnaidh sin airson leirmheas. Ach s' ann à spiorad catharnais a tha mi ag innse mu na chuala mi.
Mo chomhlaire: ma thèid thu ann, thoir bugaid leat oir bith feum agad air gus nach faigh an stuth dhen stamag agad ort-fhèin. Agus bith e ceart cho ma dhut do ghunna fhàgail aig an taigh, eagail 's nach chleachd thu ort fhèin e.
Thuirt an dithis aca gu roth na h-òrain cho gòrach. Thuirt co-obraiche agam a tha às a' Ghreug bho thùs, gu robh na h-eileanan Greugach breagha gu leòr, ach nach robh fianais dhe na greucaich idir. Thuirt a' bhean-co-obraiche nach robh iomchaidh idir gu robh a' chailleach, Meryl Streep dannsa mar sin.
Ach saoilidh mi gur e an euceart as miosa gun d' thug iad air an fhear-brathaidh ainmeil, James Bond, duine aig a bheil còir marbhadh, thug iad air a bhith seinn 's a'dannsa!!!
0 Comments:
Post a Comment
<< Home