Loighnichean dealain air milleadh ann an Juneau
Thachair maoim-sneachda an-dè gu deas à Juneau an-dè a rinn milleadh air loighnichean-dealain a tha a' dealanachadh a' bhaile. Bith 85% gu 90% a' tighinn tro na loighnichean sin. Tha iad ag ràdh nach teid iad an càradh taogh a-staigh dhà neo trì mìosan. Theid am baile dealanachadh le dieseil ach cha bhith dealan gu leòr ann dhuinn co-dhiù.
Tha iad a' cuir suas na prìsean dealain còig uiread an taca ris na bha iad. Tha sin a' ciallachadh math bha agad ri pàigheadh $200 mìos sa chaidh, bith agad ri pàigheadh suas ri $1000 an ath-mhìos!
Tha feadhainn mar a tha a' gearan, tha na prìsean ro àrd, ciamar a ghabhas na daoine-bhochd a phàigheadh, bu chòir a bhith taic ann dhaibh. Uill, tha fìreann brùideal ann co-dhù. Chan eil dealan gu leòr ann dhuinn 's mura a tèid na prìsean àrd gu leòr, cha gheàrrar an dealan gu leòr.
Agus dè a nì mise gu eadar-dhealaichte? Uill, bho sin a-mach bith samh orm, uill samh a bharrachd nan `bhaist co-dhiù. Cha do ghabh mi fras-nighe sa mhadainn-sa 's nuair a ghabhas, cleachdaidh mi uige fionnar seach teth.
Bha spàirn mu dheireadh a' gheamhraidh ann dhuinn cuideachd. Mu sia òirlich sneachd a thuit tron oidhche.
1 Comments:
(Toiseach toiseachaidh -- gabhaibh mo leisgeul airson mo cuid Gaidhlig. 'S e neach-ionnsachadh a th' annam fhathast. Agus gu mi-fhortanach chan eil am faclair no leabhar-gramar an seo a-nis.)
Tha mi duilich an sgeulachd mu an t-side a chluintinn.
'S e thachartas cruaidh a bh' ann.
Tha mi an dochas gum bi an aimsir nas fhearr as deidh sin, co-dhiu.
Cuideachd, 's fior thoigh leinn dealbhan de madadh-allaidh. Bha mi-fhin is mo bhean a' coimhead air an bhideo dhen madadh-allaidh air an rathad.
Post a Comment
<< Home