Cuideigin eile sa cheann an ear-dheas Alasga aig a bheil Gàidhlig
'S e oidhche Burns a bh'ann dhuinn a-raoir. Chaidh mi fhìn 's mo bhean ann 's bha mu 300 neo 400 daoine ann. Bha iad air iarraidh orm òran Gàidhlig a sheinn 's thagh mi Òran Eile do Bhlàr na h-Eaglaise Brice le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Chaidh e gu math tha mi a' smuaintinn 's a reir coltas chòrd e dhan luchd-èisteachd ceart gu leòr.
Co-dhiù, nuair a bha sinn a' cuir ar còtaichean oirnn airson tilleadh dhachaidh nochd fear a bha seo ri mo thaogh 's tòisich e bruidhinn rium sa Ghàidhlig. Uill, le iongnadh 's toileachas tòisich sinn bruidhinn sa Ghàidhlig. Tha an duine a' fuireach ann an Haines, mu 60 mìle gu tuath bho Juneau. Dh'ionnsaich e a chuid Gàidhlig corra bliadhnaichean air ais ach cha robh mòran cothrom a cleachdadhdh. Uill, tha mi an dòchas gum bi cothroman aige bhon uair sin.
1 Comments:
le 300-400 an làthair, saoilidh mi gu bheil margadh eile airson beagan a bharrachd Gàidhlig sa bhaile agad!
Post a Comment
<< Home