An Gaidheal Alascanach

Wednesday, May 30, 2007

Cuairt gu campa



Theid mo nighean as sìne dhan champa chrìostach san Ogmhios 's diluain sa chaidh chuir sinn roimhinn dhol ann. Tha an campa suidhichte ri thaobh na mara tòrr 's dhà mhìle gu leth bhon cheann rathaid. B'fheudar sinn coiseachd ann. Cha robh an t-sìde cho dona, ach bha uisge ann bho àm gu àm.

Rud a chuir iongadh orm 's e gun do thachair sinn ri sneachd air an t-slighe. Aig ammanan bha e aig ìre làn-mara. Rud eile a chuir iongadh orm 's e mar cho math sa chòisich mo nighean as òige. Thug sinn leinn pram 's dùil againn gum b'fheudar dhuinn a cuir ann ach dhiùlt i dhol ann muigh neo mach. Ged a bha i rudeigin slaodach, rinn i cha mhòr an t-astar gu lèir, còig mìle.

Dhuinne, mhàir an slighe rudeigin fada. Cha robh sinn ro chinnteach nan robh sinn air an t-slighe ceart 's bha an sàl a'lìonadh agus airson greis bha eagal oirnn gun ghlacadh làn-na-mara sinn an aghaidh nan creagan. Ach ghreasich sinn ar ceum 's mu dheireadh ràinig sinn am campa.

'S abair campa breagha. Tha mòran stuth do chlann ri dheanamh 's tha beathaichean ann, nam measg eich. Bith spòrs aig mo nighean nuair a thèid i ann tha mi cinnteach.

Gabh sinn ar fois 's dh'ith sinn ar biadh 's thill sinn.

Chuck

1 Comments:

Blogger Unknown said...

A charaid choir,

Tha mi a sgrìobhadh air leth am film ùr Gàidhlig, Seachd – The Inaccessible Pinnacle, agus mi an dòchas gun fhaod cuideachadh a thoirt dhuinn le a bhi ag innse beagan mu dheidhinn dhan an t-saoghal. Tha blogs gu math cudromach agus cumhachdach san latha an diugh agus bhithinn gu math taingeil ma bha àm agaibh sgrìobhadh mu dheidhinn am film.
Tha an làrach-lìn againn ri fhaighinn aig http://www.seachd.com/index_gaelic.html agus thèid an còd airson ceangal a’ dhèanamh a’ lorg aig http://www.seachd.com/index_links.html
Gheibhear cuideachd brataich Seachd aig http://www.seachd.com/pages/links_banners.html.
Tha fios airson na meadhanan ri lorg aig http://www.seachd.com/index_press_kit.html agus ann an crutha flash aig http://www.seachd.com/index_presskit_flash.html.
Tha sinn cuideachd ri lorg air myspace aig www.myspace.com/seachd agus tha sin an dòchas coimhearsnachd bheag a steidheachadh an sin. Tha sin gu math toilichte gu bheil, mar tha, cha mhòr 6000 caraidean againn.
Chaidh am film a shealltainn aig Feis Filmichean Cannes am bliadhna, far an deach innse gum bi e a-mach ann an taighean-deilbh sam Foghar as dèidh cùmhnant a’ dhèanamh leis a chompanaidh Soda Pictures. ‘S e fìor deagh naidheachd a tha seo airson film beag ann an Gàidhlig na h-Alba a chaidh filmadh anns an t-Eilean Sgitheanach, ach tha an t-uamhas cuideachadh a dhith oirnn fhathast airson innse dhan t-saoghal mu dheidhinn. Leig fios thugam ma tha cail sam bith eile a dhith ort.

Leis gach deagh dhùrachd,

Chris
chrisn[remove]gillies@gmail.com

10:00 AM  

Post a Comment

<< Home