An Gaidheal Alascanach

Tuesday, April 17, 2007

Marbhadh ann an Virginia Tech

'S ann le uabhas a chuala mi an naidheachd mu na marbhaidhean ann an Virginia Tech. Gu mi-fhortanach, 's ann ro-thric a tha sinn a'cluinntinn a leithid de naidheachd sna laithean-sa. Ach tha an sgrios-sa àraidh 's chan ann dìreach air sgàth 's gu bheil e na tachartas as fhuiltiche gu ruige seo anns na S.A. ach mar a chaidh an suidheachadh a dhroch làimhseachadh. Ged nach eil mi mìn-eolach air a'chùis idir, tha mòran cèitean trioblaideach a'tighinn dhan m'aire.

Chaidh iad am marbhadh ann an dà shreath, dithis an toiseach 's an uair sin, as deidh dàil mu dhà uair a thìde còrr 's fichead sa deich. Carson nach chuireadh rabhadh a-mach do na h-oileanaich ann an dòigh ciallach 's am murtair fhathast ma-sgaoil? Carson nach do dhùine iad an oilthigh? Chuala mi iad ag ràdh gu robh sin do-dheanta leis cho farsaing 's sgapte sa tha an oilthigh. Ach a-rèir na thachair, mu dheireadh thall, dhùine iad an oilthigh às deidh fichead sa deich mairbh, rud a bha do-dheanta as deidh dithis. An ann air sgàth nach robh dithis mharbh cus?

Rud eile, chaidh còrr 's fichead sa deich am marbhadh 's còrr 's fichead sa deich an leòn. Gun teagamh bha còrr 's aon peilear ann am feadhainn. Chuala mi aithris gun deach cuid mhòr an leòn le trì peilearan annta. Gun teagamh, cha do bhuin feadhainn de ma peilearan duine sam bith. Tha sin a'ciallachadh gun do losg e fad a bharrachd na 60 peilearan, cha chuireadh e iongadh orm ma losg e còrr 's ceud peilearan 's fiù 's suas gu 200 peilearan. 'S fad na h-ùine sin cha do thachair e ri bachadh sam bith. Dh'aidich am poileas nach iadsan a mharbh am fear-gunna, gun do chuir e às dha fhèin. Losg e 's losg e 's chùm e air a losgadh 's cha do thachair e ri bachadh sam bith gus mu dheireadh dh'fhàs e sgìth dheth 's chuir e às dha fhèin. Tha sin a'ciallachadh nach do rinn am poileas mòran feum idir.

Dè an dearbh adhbhar gu bheil an latha sa cho fuilteach? Dhomh-sa tha dà adhbharan ann, a tha a'tighinn do m'aire. Mar a thuirt mi mar tha, 's e an dòigh a làimhsich am poileas an suidheachadh seo as coireach ann an dòigh mhòr. Ach cuideachd tha mi a'smuaintinn air rud eile. Tha e doirbh dhomh smaoineachadh gun thachradh ann an rud ann an Alasca far a bheil gunnaichean cho cumanta. Mar eiseimplir, chaidh mo bhràthair dhan oilthigh ann am Fairbanks 's bha dhà ghunna aige co-dhiùgh. 'S e Desert Eagle .44 an darna fear, gunna làimhe gu math cumhachdach 's gunna làimhe eile .45. 'S dòcha gu robh gunnaichean eile aige ach chan eil mi cinnteach. 'S cha robh e na aonar. Bha gunnaichean aig oileanaich eile. Nan dh'fheuchadh a leithid a dh'iomairt anns an oilthigh far an robh mo bhràthair cha bhiodh cùisean cho rèidh dha. 'S cinnteach gun thachradh e ri daoine eile armaichte a chuireadh bacadh air.

'S e aon rud anns na bùithtean. Tha fios agam gu bheil gunnaichean aig feadhainn anns na bùiththean. Tha e ceadaichte ann an Alasca gunnaichean cleithte a ghiùlain. Tha cead giùlain-gunna agam fhìn ged a 's e glè ainneamh a bhios mi a'giùlain tha fhios agam gu bheil gunnaichean aig feadhainn co-dhiùdh. Chan eil fhios 'am cò mheud ach tha fhios agam gu bheil iad ann 's cinntinneach nan dh'fheuchadh cuideigin a leithid, cha bhiodh e fad mus thachradh e ri gunna eile.

Tha fhios gu bheil feadhain airson gunnaichean a thoirt bhuainn. Ach dhomhsa, tha mi a'fearachdain fada nas sàbhailte air mo chuairteachadh le gunnaichean aig cò aig a tha fios na fearachdainn nan robh mi loma-nochd mar gum bhiodh ann an àite a leithid Virginia Tech.

3 Comments:

Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Rud tàmailteach a thachair ann a-shin gu dearbha, a Theàrlaich. An do leugh thu mun òraidiche a chuir a cholainn san doras eadar na h-oileanaich aige san t-seòmair agus am marbhaiche gus bacadh a chur air? A-rèir na leugh mi sa Herald (Glaschu), `s e fear aosta (76), Liviu Librescu, a thàinig beò às Campa Nàsaidheachd `s e na bhalach òg. Dh`fhaighnich e dha na h-oileanaich aige a theicheadh, agus rinn iad sin, a` leumadh a-mach air na h-uinneagan.

8:15 AM  
Blogger tearlach61 said...

Leugh mi mu dheidhinn san allt seo:

http://article.nationalreview.com/?q=MzgzMDZjMGYyMDc5NTUzMTM5MTNkNTg5ZGE2MWRhNDI=

'S e puing ùghdair nach robh cus gaisgich ann sa ghnòthaich dhuillich a bha seo ach an duine seo a bha na bhodach. Leugh mi allt eile a tha gu math làidir:

http://article.nationalreview.com/?q=YzEzYzQ0Y2MyZjNlNjY1ZTEzMTA0MGRmM2EyMTQ0NjY=

Rinn an t-ùghdar seo coimeas gu làidir eadar na thachair ann an Virginia Tech 's na thachair ann am Montreal beagan bliadhnaichean air ais.

10:03 PM  
Blogger Steaphan MacRisnidh said...

Leugh mi na h-alltan sin. Cha robh fios agam gur ann mar sin a thachair cùisean nuair a chaidh am marbhaiche dhan oilthigh ud. Tàmailteach dha-rìreabh, ach cò nar measg a chanadh le cinnt dè dhèanadh iad fhèin ann an suidheachadh uabhasach mar sin? Chan fhuilear dhuinn ach a bhith an dòchas gun reaghadh againn air misneachd a ghlacadh nam biodh sin do-sheachanta èiginneach aig an àm.

9:22 AM  

Post a Comment

<< Home