An Gaidheal Alascanach

Sunday, March 18, 2007

Seallaidhean gheamhraidh ann an Juneau



Uill, stadh i chuir sneachd an-dè. Chan eil mi cinnteach, ach a-reir a'chuid sneachda bha dhìth oirnn a fhuair sinn, tha mi an ìre mhath cinnteach gu bheil geamhradh 2006-07 a-nis na gheamhradh as sneachdaiche a chunnais duine geall a-riamh. Seo eiseimplir de na seallaidhean a chì an siud 's an seo timcheall a'bhaile.

Rud a tha gu math inntinneach: dè am buaidh a th'aig a leithid de gheamhradh air na h-eighr-shruthan? Tha an eighr-shruth air a bhith a'leaghadh air ais còrr is dhà cheud gu leth bliadhna. An e seo an seòrsa de gheamhradh a dh'adhbhraich na h-eighr-shruthan a dh'fhàs cho mòr, neo e an sreath de gheamhraidhean mar seo, sreath a mhàireadh na ceudan bliadhna a bhiodh dhìth?

Co-dhiugh, bha mi aig an taigh-dealbh an-dè 's dh'fhaighnich caraid dhìom: A bheil thu searbh den a'gheamhradh a tha seo? Dh'fhàs a shùilean mòr nuair a fhreagair mi gur e seo an geamhradh as fheàrr a chunnaic mi riamh. Mhìnich mi dha gu bheil e a'còrdadh rium gu mòr a bhith a'dol air cuairt sgithidh tri neo ceithir tursan gach seachdan. Bhiodh mi toilichte nan robh a gach uile geamhradh mar seo.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home