An Gaidheal Alascanach

Wednesday, March 14, 2007

Geamhradh 2006-07 ann an Juneau

Uill, tha geamhradh 2006-07 a-nis na treas àite mar gheamhradh as sneachdaiche a chunnaic duine geal a-riamh ann an Juneau. Tha 179.7 oirlich air tuiteam gu ruige seo. Thuit 183.6 ann an 1975-76. Cha creid mi nach bris sinn an t-aireamh-sa a-màireach. Agus thuit 194.3 ann an 1964-65. Ged a tha a'mhòr chuid an-seo searbh dhen t-sneachd, tha cuid mhòr cuideachd ag iarradh an aireamh as motha a bhriseadh. Mar a chanas mise, mur a bris, feumaidh sinn a h-uile càil a dheanamh a-rithist an ath-bhliadhna.

Cha mhòr nach eil i a'cuir sneachd a h-uile latha bho chan eil fhios cuin. Aig amannan oirlich neo dhà, aig amannan eile ceithir neo sia. Tha iad ag ro-innse stoirm eile dhuinn airson dihaoine 's disatharne. Cha chreid mi nach bris sinn an t-aireamh as motha leis a'stoirm seo. Chì sinn.

An deireadh sheachdain sa tighinn, tha dùil agam beagan dealbhan a thogail dhen chnapan dhen t-sneachd a th'air feadh an àite 's an cuir an seo.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home