An Gaidheal Alascanach

Sunday, March 11, 2007

'S thill am madadh-allaidh

'S e latha sneachdach stoirmeil a bh'ann an-diugh 's as deidh dhomh tighinn air ais bhon eaglais chuir mi fòn gu caraid dhomh 's co-dhunaidh sinn dhol air cuairt sgith-bhlàir air an loch Mendenhall. Leann sinn bruach an locha air an deigh. Aig amannan cha robh am faire ach 200 neo 300 slat air sgàth an t-sneachda. 'S ann an uair sin a nochd e mar thaibhs às an stoirm, aig oir na coille. Choimhead e oirnn. Chum sinn air ar slighe 's leann e sinn an-dràsda 100 slat bhuainn air ar taobh dheas 's a-rithist 25 slat as ar deidh. Air ar beulaibh, bha triùir ann 's trì coin còmhla riutha. Bha sùilean a'mhadadh-allaidh orra 's e a'caoineadh mar a dheanadh cuilean maoth 's ionndrainn na ghuth. Am measg nan cù, bha seorsa de rotweiller 's gun mòran toinisg aige. Nochd e dha rudeigin gaisgeil bragail 's ruith e seachad orm a dh'ionnsaidh a'mhadadh-allaidh 's bhùir e air 's dh'fheuch e sabaid dha. Ach cha tug am madadh-allaidh for dha. 'S cha deach e aon cheum far a shlighe dha. Chum e air 's phut e seachad air an rotweiller mar nach b'fhiach e an t-saothair. Thionndaidh an rotweiller air a shàilean 's ruith e gu dian a chun a mhaighstir 's iomagain air aodann 's earball eadar a chasan dheireanach.

An rud a chuir iognadh orm 's mar cho mòr sa bha an rotweiller 's an coimeas ris a' mhadadh-allaidh. An taca ris a'mhadadh-allaidh, cha robh e a'coimhead mòr idir, an leth chuid dhen mhadadh-allaidh 's dòcha. Ach nuair a sheas an rotweiller ri thaobh a mhaighstir, chanainn gu robh e suas gu 70 puinnd. Tha sin a'ciallachadh gu bheil am madadh-allaidh suas gu 140 puinnd.

Co-dhiugh, dh'fheuch am maighstir ruaig a chuir air a'mhadadh-allaidh. Sgith e thuige a'bualach a bhoisean ri cheile 's ag eigheachd. Chan urrainn dhomh a ràdh gu do chuir e mòran ruaig air. Thug e corra ceum air ais ach dh'fhuirich e faisg oirnn. Chum e air ar leanntainn airson kilomeatair neo dhà a bharrachd. Nam bheachd-sa, cha robh am maighstir cho glic. Cha robh ròpa aige airson a chù a chumail dlùth. 'S nam b'e miann sam bith aig a'mhadadh-allaidh bhiodh an rotweilleir air a reubadh o cheile ann am priobadh na sùla. Ach b'e am maighstir a bu choireach leis nach robh smachd aige air a chù mar bu chòir. 'S nan robh cron sam bith air thachair dhan rotweiller, 's urrainn dhuibh a bhith cinnteach bhiodh a h-uile mac mathar ag eigheach airson cinn a'mhadadh-allaidh.

Mar a thuirt mi, dh'innseadh dhomh gun do dh'fheuch iad ruaig a chuir air a'mhadadh-allaidh le bith a'tilgeil peilearan neo-marbhtach air. Ach a-reir coltach cha do mhàir sin fada. Feumaidh mi ràdh gun do chòrd sin rium gu mòr a fhaicinn. Gu mi-fhòrtanach cha robh camara agam an-diugh.

1 Comments:

Blogger Graisg said...

Chuir thusa orm gu smaoineachadh Chuc, sgrìobh me rudegin air mo bhlog fhèin.

11:56 PM  

Post a Comment

<< Home