Madadh-allaidh
Chaidh mi fhìn 's mo bhean air cuairt skith an-diugh. Bha sinn a'sgitheadh tro raoin-campachaidh a tha faisg air làimh. Bho àm gu àm chluinneadh sinn gairm madaidh-allaidh a tha a'fuireach san sgìre. Mu dheireadh chunnaic sinn e. Bha e na shuidhe air taobh thall bàigh big an locha. Choimhead sinn air airson greis 's e na laighe aig òir an locha 's an uairsin thàinig cuideigin le cù faisg air a'mhadaidh-allaidh. Sheas am madadh-allaidh 's thoisich e cluich leis a'chù. Sin a tha ri fhaicinn san dealbh.
Tha madaidhean-allaidh eile sa sgìre ach tha am fear seo rudeigin sònraichte. Chail e a chèile beagan bliadhnaichean air ais 's bhon uair sin 's dual dha a bhith faisg air Lake Mendenhall. 'S toil leis a bhith a'cluich le coin daoine a tha a-muigh air cuairt san sgìre. Mar sinn, cha do chuir e cus iongadh orm nuair a thòisich e cluich leis a'chù. Ach chan eil sin gun chunnart. An-uraigh, mharbh am madadh-allaidh cù boireannaich a bha a-muigh air cuairt. Bha daoine a'gearain mu dheidhinn a'mhadaidh-allaidh. Bha feadhainn a'gairm airson a bhàis.
Dhomh-sa tha e air leth sònraichte gu bheil madadh-allaidh a'fuireach faisg air làimh.
4 Comments:
Wow! Is toigh leam madaidhean-allaidh! Tha iad cho inntinneach agus àlainn agus glic. Nuair a bha mi nam nighean bheag, bha gaol agam orra agus bha mi daonnan ag iarraidh madaidhean-allaidh fhaicinn ann an zoo no air an telebhisean... Gu mi-fhortanach chan eil mi a' fuireach ann an àite far a bheil madaidhean-allaidh anns na coilltean - ged a tha feadhainn (saora) anns a' Ghearmailt gu dearbh, ach chan eil anns an sgìre seo.
Abair dealbh àlainn a thog thu, a Thearlaich :-)
"Abair dealbh àlainn a thog thu, a Thearlaich :-) "
Tha iongnadh orm gun thuirt thu sin. Tha am madadh-allaidh cho beag ri cuileag san dealbh. Tha an dealbh air a mheudachadh cho mòr sa b'urrainn dhomh a dheanamh.
Thog mi dealbh eile de mo bhean 's am madadh-allaidh air a cùlaibh. 'S e fealla-dhà a bh'ann. 's bha mi ag ràdh: seo mo bhean 's am madadh-allaidh 's cha robh dad ri fhaicinn air cùl mo bhean.
Fhuair mi a-mach rudeigin eile mu dheidhinn a'mhadaidh-allaidh seo: bith daoine a'cantainn "Romeo" ris. 'S ann air sgàth gu bheil e aonaranach 's gum bith a'feuchain dhol air muin nan cù nuair a thèid iad a-mach.
Chuck
Tha mi a' faicinn a' mhadaidh-allaidh ceart gu leòr, ged a tha mo shùilean dona ;)
Agus tha dathan an deilbh a' còrdadh rium. Ciaradh a' gheamhraidh...
Tha mise faicinn rudeigin…ach mura do dh`innis thu dhuinn, a Theàrlaich, gur e madaidh-allaidh a bh`ann an-sin, cha bhiodh fios no fàth agam ann idir! Cha bhiodh dùil agam nach e cù eile a bhiodh ann!
Post a Comment
<< Home