Binn Bhàis: suaintean a bharrachd
      Uill, rinn iad a rinn iad.  Fhuair as iad do Shaddam.  Ach chan eil fhios 'am ma 's e mearachd a bh'ann.  'S e ceartas a bh'ann.  Gun teagamh 's e fear nan duine a bu mhiosa a chunnaic sinn riamh.  Ann an dòigh chan e ceartas a bh'ann ge-ta.  Ciamar a phàigheas Saddam, le aon bhàs fhèin, airson na ceudan mìltean chuir e gu bàs gun adhbhar neo as aonais cùis-lagha sam bith?
Cha robh mi ag ràdh gu robh binn bhàis Saddaim ceàrr neo gur e mearachd a bh'ann.  Bha mi a'beachdachadh gu robh slighe 's dòcha na b'fheàrr romhpasan an àite ceartas: mathanas. Leis na sgaraidhean fhuilteach a tha a'ruith tron duthaich sin, 's dòcha gur e sin a tha dhìth.  'S dòcha as deidh na ceudan mìltean a chuir an riaghaltas gu bàs tro na bliadhnaichean, 's dòcha an teachd a b'fheàrr 's e bho sin a-mach nach cuir an riaghaltas Iorac gu bàs duine sam bith, fiù 's a duine a leithid Saddaim.  Sin an aisling a bha a'ruith tro m'inntinn.
Ach tha cèist eile ann cuideachd.  Bha Aonadh na h-Eòrpa a'gearain gu robh binn bhàis Saddaim euceart, gu robh binn bhàis an aghaidh deamocrasaidh.  Chan eil mi cinnteach.  Tha binn bhàis air a bhith ann bho tùs anns na Stàitean Aonaichte.  'S tha binn bhàis air a bhith ann tro na bliadhnaichean a thàinig deamocrasaidh gu bhith ann an  Roinn Eòrpa gu ruige na tri-ficheadan mura bheil mi air mo mealladh.  Agus aig deireadh an darna chogaidh, chuir gu bàs na caidreachais na ceannardan an riaghaltais Naiseach, cultar cèin gun teagamh.
Chuck
    

0 Comments:
Post a Comment
<< Home