Sneachd
      
Get video codes at Bolt.
Sin sealladh dhen Loch Mendenhall Didomhnaich sa chaidh.  Bha i a'cuir sneachd a-rithist.  Tron an t-seachdain, chuir i faisg air 4 troigh sneachd.  Bha na sràidean loma-làn dhe 's bha duighleadas ann a bhith siùbhal air na sràidean.
Ach stad an sneachd 's Diluain bha e grianach fuar.  Nuair a dh'èirich mi sa mhadain-sa, dimhàirt bha e -18C.  Air an t-slighe gu bus a ghabhail, bha a h-uile càile fo thàmh gun deoch gaoith ann.  Bha na rionnagan na h-oidhche fhathast ann a'priobadaich gu h-àrd ach ghabh fàileas nam beann ri fhaicainn an-aghaidh dubh-ghorm nan speuran 's na craobhan còmhdaichte le geall.  
Chuck
    

0 Comments:
Post a Comment
<< Home