Cuair dhan eigh-shruth Herbert
      
An t-seachdain sa chaidh nochd an latha soilleir grianach 's chuir fòn gu caraid dhomh 's chuir roimhe cuirt a dheanamh gu eigh-shruth air a bheil Herbert mar ainm.  Tha an sligh gu math rèidh 's mar sin, thug mo nighean nas òige còmhla rium 's ise ann an seòrsa de charbaid a dh'fhaodas tu tharraing as deidh baidhsagail neo a phutadh mar phràm.  Ged a dh'fhàs i car sgothach cha do chuir sin cus dradh oirnn.
Seo dealbh dhen eigh-shruth.  Chan eil i cho mòr ri eidh-shruth Mendendhall tha i gu math inntinneach.  Tha i a'struthadh sìos sleibh a tha gu math cas 's tha uachdar na deighe a'coimhead gu math garbh.  'S e mu ceithir mìle bhon rathad dhan eigh-shruth 's tha an sligh furasda gu leòr.  Gabhaidh e a dheanamh air baidhsagail gu furasda.  
Cha b'urrainn dhuinn beantainn ris an eigh-shruth fhèin.  Bha sruth uisge a bha a'sruthadha a-mach gu làidir 's chuir e casg oirnn.  Mar sinn, shuidh sinn sìos 's dh'ith sinn ar diathad 's thill sinn.
Chuck
    

0 Comments:
Post a Comment
<< Home