'S e ùine mhor...
      nach do chuir mi teachdaireachd an seo.  Mar a tha fhios aig mòram tha mi air a bhith a'gluasad bho Kodiak, Alaska gu Juneau.  'S e gnothach a mhair fada gu h-iogntach.  Dh'ionnsaich mi san Fhaoileach gun d'fhuair mi obair ùr ann an Juneau.  Bha obair mòr agam ri dheanamh, nam measg, cuir crìoch air obair a thoisich mi air taigh a bh'againn ann an Kodiak.  Bha mi cho trang, ag obair gu mo thuiteam nam leabaidh 's air ais gu obair nuair a dh'fhosgail mi mo shùilean.  'S an uair sin, chaidh mi a Juneau.  Bha mi ann an seòmar a fhuair mi air mall, 's mi nam aonar as aonais mo teaghlaich.  Mhàir an àm sin cha mhòr tri mìosan.  'S mu dheireadh thàinig mo theaghlach a Juneau.  Airson tòrr 's mìos, dh'fhuirich sinn an-siud 's an-seo, a'cumail sùil air taighean a bhuineadh do dhuine èile a bha air falbh.  Mu dheireadh thall, ghluais sinn a-steach dhan taigh a cheannaich aig deireadh an òg-mhìos.  Ach bha aon cheum air fhàgail dhuinn, an taigh a bh'againn ann an Kodiak a rèic.  Mar a bhiodh fios agaibh, nach sinne a bha anfhoiseil mu an taigh ann an Kodiak a bh'againn fhathast.  
Mu dheireadh thall, rèiceadh an taidh ann an Kodiak, 's an-diugh fhèin thàinig a'chùis sin gu crìoch 's tha sinn saor ann an Juneau.
Tha Juneau eadar-dhealaichte bho Kodiak ann an iomodach dòigh.  Tha mòr dhuinne an coimeas ri Kodiak, le 30,000 neach a tha a'fuireach ann, 's e baile mòr a th'ann gu dearbh.  Ach aig an aon àm 's e baile breagha a th'ann cuideachd.  Tha na beanntainn àrd, biorach, làn aibhnichean-deighe.  Tha mòran slighean-coiseachd ann, tha an àite seo gu math airson a bhith a'coiseachd.  Bhon againne, choisich mi da uair an t-seachdainn sa chaidh 's bha mi ann an sealladh mòran beanntainn 's abhainn-deighe mhòr air bheil "Mendenhall".  
Tha dùil a bharrachd mu dheidhinn a'bhaile seo innse dhuibh sa seachdainn sa tighinn.  Nam measg, mar cho breagha sa tha a'dhuthaich seo, sliochd nan Gaidheal a tha gu math pailte ann an-seo, Cuairt Litir nan Innleadairean 's mòran rudan eile.
Chuck
    

3 Comments:
Is math leughadh bhuat a-rithist an-seo, Chuck :) Tha mi toilichte a leughadh gu bheil sibh uile anns an taigh ùr a-nis agus an seann taigh air reic, agus tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu dòigheil!
Tapadh leat a Mhona
Tha fuasgladh aig a h-uile duilgheadas nuair a choinnicheas tu ris an taobh cheart
duine !! Na biodh eagal ort gu bheil caster geasa mòr ann agus luchd-fuasglaidh dhuilgheadasan spioradail,
A ’faighinn duilgheadas pòsaidh, briseadh dhachaigh, Instant
soirbheachas, faigh air ais na chaill thu a-riamh msaa..WhatsApp air +2347041712297
Post-d. doctorcharlesspellword99@gmail.com.
thèid na duilgheadasan agad fhuasgladh sa bhad. Bidh e a ’dèanamh na leanas:
1) Geasan gaoil
2) Geasan gaoil air chall
3) Geasan sgaradh-pòsaidh
4) Geasan pòsaidh
5) Litreachadh ceangail.
6) Geasan brisidh
7) Cuir às do leannan a chaidh seachad
8.) Tha thu airson gun tèid do bhrosnachadh anns an oifis agad / geas a ’Chrannchur
Post a Comment
<< Home