An Gaidheal Alascanach

Friday, January 13, 2006

Beinn-theine Augustine a'losgadh

Tha beinn-theine ann gu tuath bhon Kodiak a tha gu math trang sa laithean seo. Bhrùchd i dà lath air ais 's a rithist an-diugh. An-diugh thil i a'tilgeil luaithre suas gu àirde 10 000 m os cionn na mara. Airson greis an-diugh, bha na gaoithean ga toirt gu àirde Kodiak ach cha ràinig i an-seo. Bha na sgoiltean dùinte ann am baile Homer air sgath sin.

Tha fiosrachadh air am brùchdadh ri fhaicinn an seo: http://www.avo.alaska.edu/activity/Augustine.php

Tha dealbh na beinne ann ri fhaicinn cuideachd. An-diugh bha i gu math inntineach 's tòrr ceò a'cruathachadh air mullachd na beinne-tiene.

Tha e air a ath-ùrachadh a gach uile leth-uair.

A chiad thuras a thàinig sinn Homer, Alaska ann an 1986, nuair a bha sinn fhathast a'fuireach ann am Montreal, bha an aon beinn-theine air a ùr-brùchdadh 's bha luaith fhathast ann. Tha a'bheine-theine air a bhith gu math sàmhach gu ruige seo.

An buaidh as motha do Khodiak: itealain a'dol eadar Kodiak 's Anchorage. Faodaidh an luaith buaidh mhòr a thoirt air itealain. Ma thigeas luaithe a-steach einseinn an itealain dh'fhaodadh i stad a chuir air. Tha cuimhne 'am fhathast ann mu 1990, bha itealan ann a bha a'siughal gu Anchorage 's beinn-theine eile a'brùchdadh, sgeith e tro sgoth luaithe. Stad an t-einseanan 's thuit an itealan 's theabh e tùbaist a dheanamh. Gu dearbh tha buaidh mhòr air na h-itealain.

Aig an dearbh àm sa tha mi a'sgrìobhadh, thuirt iad air an teileabheisean gu bheil an luaith a'dol gu àirde an iar à an beinne 's tha tòir itealein air an cuir gu stad.

Chuck

3 Comments:

Blogger Graisg said...

Chan fhaca mi dad air an webcam Chuc, tillidh mi nas anmoiche.

9:40 AM  
Blogger tearlach61 said...

Sin a tha rudeigin eibhinn. Nuair a bhios an oidhche ann an-seo, chan eil dad ri fhaicinn. Feumaidh an latha a bhith ann. Agus fear nan dealbhan, fear air an laimh cli, cha bith esan a'sealtainn dad sam bith. Saoil gu bheil esan ro-fhaisg air am mullach na beinne 's e an-comhnaidh sa cheò. An-dè, bha dealbh gu math inntinneach ann ri fhaicinn.

9:24 PM  
Blogger Graisg said...

Chunnaic mi dealbh air làraich na BhBC, tha fhios agam gu bheil trioblaidean na cois dhuibh ach feumaidh mi a ràdh gun saoil mi gu bheil coltais àlainn oirre.

6:20 AM  

Post a Comment

<< Home