An Gaidheal Alascanach

Monday, October 24, 2005

Teaghlaichean Dà-chànanach

Teaghlaichean dhà-chànanach: 's e slighe gu Ghàidhlig a chùmail beò. Le ach aon gu leth neach as a cheud ann an Alba aig a bheil Gàidhlig, feumaidh a leithid teaghlaichean dhà-chànachadh a bhith ann airson Gàidhlig a chumail beo.

'S chan e Gàidhlig a-mhain. 'S iomadh mion-cànain a th'anns an t-suidheachadh mar sin. Tha boireannach àraidh aig an eaglais agam, tha i pòsda ri fear à Hawaii, 's tha i airson a clann a thogail anns a'chànain nan tùsanach Hawaidheanach. Chan eil Hawaidheanach aice, 's chan eil Hawaidheanach aig an duine aice. Tha beagan Hawaidheanach aig athair a'dhuine aice. Tha mi ga brosnachadh sin a dheanamh. Dhomhsa, tha e air leth cuthdromach nach bàsaicheas mion-chànanan. Ach gus bhiodh a leithid ann, feumaidh na mion-cànanan a bhith comasach a chumail beò ann an suidheachadh da-chànanach. Mar sin feumaidh a bhith a leithid teaghlaichean dhà-chànanach ann.

Seo an t-aisling a th'agam: tha a'mhòr chuid de dhaoine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a'fàs comasach comhraidhean a dheanamh sa Ghàidhlig,neo fiu 's fileanta, 's a'mhòr chuid diubhsan a'togail an cuid chloinne sa Ghàidhlig.

Bu mhath leam a sgrìobhadh a bharrachd mu dheidhinn sin anns na laithean romham.

1 Comments:

Blogger mona said...

tapadh leat airson a' chùspair seo, a chuck, tha e inntinneach dhomh-sa. thòisich mi smaoineachadh gum bu toigh leam clann a thogail le gàidhlig agus gearmailtis... uill, chan eil clann agam fhathast, agus cha bhi a dh' aithghearr, ach is dòcha an-dèidh beagan bhliadhnaichean. agus cha toigh leis an duine agam am beachd seo, no chan eil e gam thuigsinn glè mhath. tha dùil agam leabhraichean bhon oilthigh a leughagh mun chùspair seo a-nis, gum bi tuilleadh fhiosrachaidh agam mu dheidhinn.
dè am beachd a tha aig do bhean mu ghàidhlig?
mona

2:39 PM  

Post a Comment

<< Home