Còmhradh le saighdear on Irag.
Bha mi aig an eaglais sa mhadainn agus chunnaic mi ghùis ainichte ach nach bu choir a bhith ann. Bha m'inntinn rudeigin troimh-chèile 's ch do chuir dà 's dà còmhla. Cha b'ann ach na b'fhaide a thuig mi cò a bh'ann. Dh'iarradh oirnn fàilt a chuir do
Co-dhiubh, as deidh na seirbhis, chruinnich triùir againn mu thimcheall agus 's iomadh ceist a chuir sinn air. Cha robh dad a dhìth oirnn ach solas làidir ri dearrsadh na shùilean. Agus abair còmhradh inntinneach!
Sa chiad a dol a-mach, dh'fhaighnich sinn e dè tha e a'deanamh san dùthaich, a bheil iad sàbhailte, a bheil iad a'faighinn fras-nighe gu laitheal 's rudan mar sin. Thuirt e gum bith iad a'deanamh freaceadan-faire timcheall an àite. Thuirt e gu bheil iad gu math sàbhailte. Tha a'mhuintirr gu math dòigheil dhaibh 's toilichte bu bheil iadsan ann, gu h-iongtach. Thuirt e gu bheil duine ann a chail a bhrathair nuair a chaidh na h-Ameireaganaich a-steach an tòiseach. Ach a dh'aindeoin sin, tha e toilichte gu bheil iad ann. Thuirt iad gu bheil na clann gan cruinneachadh mun timcheall nuair a theid iad a-mach 's 's iomadh fiosrachadh a bhios na clann a'toirt dhaibh.
Dh'fhaignaich mi dheth a bheil an t-arm Iragach gu mòr ann an sàs. Thuirt e gu bheil. Thuirt e gu bheil e gu math foilliseach dhaibh gu bheil an t-arm a'fàs nas làidire na bha iad roimhe 's gu bheil iad a'giulain a'mhòr chuid den obair an-dràsda.
Mar eiseimplir, tha rathad ann, ma thuig mi e gu ceart, 's e rathad eadar a'phuirt adhair agus Bagdad fhèin. Co-dhiugh, bha na reubaltaich gu math làidir ann uaireigin. Chaidh an t-arm Iragach a-seach gu làidir, 's iomadh freacadan-faire a nì iad, 's chuir iad ruaig air an nàbhaid.
Tha rudan eile a tha gu math dòchasach dha, gu bheil sinn a'buannachadh. Tha an comas brathaidh an nàbhaid a'fannachadh gu mòr 's an comas againne a'fàs nas làidire. Gu tric, tha fios againne air ionnsaichean laithean ro-làimh.
Dh'fhaignich mi dheth mu na h-ionnsaichean an-aghaidh na buill ùra an airm Iragach 's gu tric tha leth ceud leònte 's marbh. Thuirt iad gum bu toigh le na Iragach gan cruinneachadh còmhla fiu s ma tha sin 'toirt cothrom don nàbhaid. Nuair a tha na h-ameireaganach a'deanamh
Ach mar a thuirt mi, tha e den bheachd gu bheil na reubaltaich a'fannachadh. Gu tric o chionn greis, fius nuair a bhios cothrom mòr dhaibh mar comhla mòr buill ùra an airm, tha iad eucomasach ionnsaich a dheanamh.
Thuirt e rudan eile a tha gu math inntinneach. 'S duilich nach nochdas comhraidhean mar sin air an telebhisean.
3 Comments:
tha thu ceart, a thearlaich, seo na rudan nach chì sinn anns an telebhisean. mar sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e glè chudthromach gu bheil ceangail eadar-nàiseanta againn air an eadar-lìon... gheibh sinn fiosrachadh is sgeulachdan is naidheachdan inntinneach anns an dòigh seo.
tapadh leat, a charaid!
Tha àite ris an canar ‘Kinloss’ deach mile air falbh bho Inbhir Narann. ‘S e gearastan mòr Feachd Rioghail an Adhair a th’ ann. O chionn greis dhiùlt oifigear a’ dol gu Irac. Thuirt esan, ‘ tha mi air sùil mhìneachadh a thoirt air a’ chomhairle a fhuair an riaghaltas bhon Àrd-neach-tagraidh (Attorney-General mar a chanas iad) ‘s tha mi làidir dhen bheachd gur e cogaidh mi-laghail a bh’ ann ‘s mar sin chan eil mi airson a’ dhol gu Irac.’
Tha e a’ cumail a-mach nach eil eagal air a bhith a’ dol gu cogaidh ach feumaidh a’ chogaidh ud a bhith laghail. Tha e fhathast air a bhith ann an Afghanistan ‘s Irac ‘s rinn e math nuair a bha e ann.
A-rèir lagh den fheachd adhair the e ceadaichte airson oifigear òrdugh a dhiùltadh ma tha e mi-laghail. Cha bhi e fada gus am bi cùirt-armailteach a’ gabhail àite ann an Kinloss.
Saoilidh mi gum faic sinn ath-sgrùdadh de na argamaidean a tha fhathast a’ cur nimh aig cridhe poileataics san dhùthaich seo.
@Mhona, tha thu cho ceart. Tha e a’ toirt toil-inntinn dhomh a bhith bruidhinn riut ‘s na blogairean Gàidhlig eile, tarsainn crìochan: crìochan air mapaichean ‘s crìochan a tha feadhainn airson a dhèanamh eadar muinntir an t-saoghal.
'S e an t-aon rud anns na S.A. Faodaidh gach h-uile saighdear òrdugh mi-laghail a dhiùltadh. Tha sin a'dol air ais gu linn darna chogaidh. Sin an leisgeul airson iomadh eucoir an àm ud, 'bha mi umhail do orduighean' Ach dhìteadh iad co-dhiugh. Mar sin, on linn ud, tha e ceadaichte òrduighean mi-laghail dhiùltadh.
Innsidh mi sgeul mu-dhiedhinn sin.
Dhomhsa, argamaid as làidir a chuala mi an aghaidh chogaidh ann an Irag 's e nach nàmhaid as cunnartaiche a bh'ann an Iraq, gur e Korea a tuath neo fiu 's Iran a bu chunnartaiche leis gu bheil iadsan fada nas fhaisge gu bhith a'faighinn armachd niùclasach.
Chuck
Post a Comment
<< Home