Toiseach a'gheamhraidh
Chan eil an dealbhan cho math sa bha mi an dùil ach san dealbh-sa faodaidh sinn beanntainn àirde comhdaichte sneachda fhaicinn. 'S ann o tri seachdainnean a tha sneachd air fhaicinn air mullach nam beann as àirde. Ach an t-seachdainn-sa, fhuair sinn tòrr uisge agus thuit e ann an cruth sneachda anns na beanntan.
On a ghluais mi an seo, chùm mi sùil air sneachd nam beann. Air mullach beinne Center Mtn, bhiodh tòrr sneachda a'maireachdainn tron t-samhradh. Ach mar chaidh na bliadhnaichean seachad, mhothaich mi nach robh an sneachd cho pailte aig deireadh an t-shamhraidh na bha e roimhe. Bhiodh an chiad sneachd a thuiteam na b'anmoiche anns a'gheamhradh 's an deireadh sneachd na bu thràithe.
Tha cuimnhne 'am ann an 1999, bha mi a'sealg gobhair-beine air an dearbh beinn aig chiad deireadh sheachdainn an t-sultain. Bha tòrr sneachd air fhàgail on gheamhradh roimhe agus thuit beagan sneachd nuair a bha sinn ann.
Co-dhiugh, am bliadhna, cha robh ach beagan beagan sneachd air fhàgail air deireadh an t-samhraidh. Ach an t-seachdainn sa chaidh, thuit tòrr sneachd aig toiseach a'gheamhraidh. 'S dòcha le tòiseach a'gheamhraidh mar sin, bhiodh cùisean ag atharrachadh, gum bhiodh beagan sneachd a bharrachd an ath-bhliadhna na bha ann am bliadhna.
Cùmaidh sùil oirre, agus cuiridh mi aithris an seo.
Chuck
1 Comments:
wow, dealbh inntinneach. chan eil e furasda dhomh ri chreidsinn gu bheil sneachda agaibh mar-tha. bha e gu math blàth agus grianach an-seo an deireadh-seachdaine (chì thu sin anns na dealbhan as ùire agam-sa).
mona
Post a Comment
<< Home