Diùltadh òrdugh mi-laghail.
Tha sgeul agam mu dhiùltadh òrdugh mi-laghail. 'S ann nuair a bha mo bhrathair anns an arm, aig toiseach a dhreuchd. Bha iad a'deanamh eacsarsaidh 's bha iad a'losgadh peileiran ann an da-riribh. Bha mo bhrathair ann an toll 's bha na peileirean a'bualadh timcheall a thuill. Sin a'phuing an eacsarsaidh. Nuair a bhios iad a'toirt ionnsaidh don nàmhaid, bith na saighdearan air cùlaibh an loidhne a'frasadh h-uile càil le peilearan, na loidhnichean nan nàmhaid agus na loidhnichean adhartaich nan saighdearan cairdeach. 'S bhiodh iad ag àrdachadh ceum air cheum an losgaidh. Feumaidh na saighdearan cairdeach nochdadh on an tuill nuair a sguireas na peilearan a thuiteam air an timcheall 's dhol an àird an nàmhaid nuair a bha iadsan fhathast nam falach bho na peilearan. Feumaidh na saighdearan cairdeach a bith cho fasg don bualadh nan peilearan s a s'urrainn dhaibh.
Uill, latha a bha seo, bha mo bhrathair na tholl, 's na peilearan fhathast a'bualadh mu thimcheall nuair a ràinig òrdugh air an reideo gus nochdadh e as an toll. Uill, bha na peilearan fhathast ann. Uill, thòisich an caipteann eigheachd air an reideo, 's thuirt e rim bhrathair: tha mi a'toirt òrdugh dhut: dean seasamh.
Uill, sin an fhreagairt mo bhrathar: Come and make me.
Freagairt freagarrach nach e!
Chuck
1 Comments:
www.TheOnlinePromoters.com taught me things I knew nothing about plus the quality visitors they have can be geared toward any business, product or service on the planet! Check them out!
Post a Comment
<< Home