Teaghlaichean Dà-Chànanach (3)
Tha cùisean air a bhith gu math trang am mìos sa chaidh seachad. Co-dhiugh tha mi airson beagan a bharrachd sgrìobhadh mu teaghlaichean dà-chànanach.
Sa chiad a dhol-a-mach, dh'iarr Mona orm dè tha mo bhean a smaoineachadh air a sin. Uill, nuair a rughadh mo nigheann nas òige, o chionn dà bhliadhna gu leth, bha mi airson a togail gu dà-chànanach ach ann an Fraingis. Bha mo bhean ceart gu leòr leis a sin leis gu rugadh 's thogadh i ann an Quebec 's tha i ga tuisginn gu furasta. Nuair a dh'atharraich mi gu Gàidhlig, cha robh i ro-thoilichte. Cha robh i mi-thoilichte, ach cha robh i ro thoilichte nas motha. Cha robh i comasach tuilleadh na bha mi ag ràdh ri mo nigheann a thuigsinn. Agus cuideachd bha i den bheachd gum bhiodh Fraingis nas fheumaile do mo nigheann. Ach dh'fhàs i cleachdte ris a'chùis. As deidh dhi mu fichead mìosan a bhith gam chluinntinn a'bruidhinn sa Ghàidhlig ri mo nigheann, mar as trice tha fhios aice dè na tha mi ag ràdh. Agus tha i a'tuigsinn gu bheil Gàidhlig feumail ann an dòigh èile.
Mar a thuirt mi, tha mo nigheann (nas òige) a'fàs gu math bhith-briathrach, anns a'Bheurla agus anns a'Ghàidhlig agus fhathast ann an cànan èile: 'pàistis', cànan nam pàistean bige air feadh an t-saoghail. Agus mar a bhios fios aig pàistean air feadh an t-saoghail, mura a bheil thu a'faighinn na dh'iar thu air aon phàrant, iarr air am fear eile. Agus sin mar a cùisean aig obair san dachaidh againne ach ann an dòigh rudeigin eadar-dhealaichte. Mura a bhios Sarah a'faighinn a dh'iarr i ann an aon chànan, iarraidh i anns a'chànan eile e.
Agus bith i a'cleachdadh abairtean an siud 's an seo ann an dòigh gu math iongantach. Dìreach ann latha eile, thug mi aran agus ìm dhi agus seach a ràdh 'thank you' neo 'tapadh leat' mar bu chòir, thuirt i 's ann leamsa a tha e.' Cha b'urrainn dhomh ach rudeigin mar 'well excuse me' neo 'gabh mo leisgeul' a ràdh rithe mar fhreagairt.
Mar sin, gabhaidh a leithid togail cloinne ann am mìon-chànan fiù s aig an aon àm sa tha thu fhèin ga h-ionnsachadh agus sin aig amanan ann an dòigh a'cuir iongnadh mòr orm. Ach gu cinnteach tha duilgheadasan ann agus an ath thuras, tha mi airson a bhith a-mach air na duilgheadasan a th'ann a bhith a'togail clann ann an mìon-chànan
Chuck
2 Comments:
tapadh leat, a thearlaich, is toigh leam leughadh mun chùspair seo bhuat gu dearbh.
thuirt thu nach robh do bhean ro thoilichte oir "Cha robh i comasach tuilleadh na bha mi ag ràdh ri mo nigheann a thuigsinn." Sin an dearbh rud a thuirt mo chèile rium o chionn goirid nuair a bha sinn a' bruidhinn mun chùspair seo - no, nuair a bha mise a' feuchainn ri bruidhinn mu dheidhinn. thuirt e gu bheil e ag iarraidh fìor theaghlach, agus cha bhitheadh sin ann na bheachd-sa nam bithinn a' bruidhinn ris a' chlann ann an dòigh nach eil esan a' tuigsinn.
Dè nì sibhse mar eisimpleir, nuair a tha sibh nur suidhe aig a' bhòrd, is dòcha còmhla ri daoine eile, ag ithe agus a' bruidhinn còmhla? Am bi thu a' bruidhinn Gàidhlig ri do nighean cuideachd ma-tha?
mona
'S glè glè ainneamh a bhruidhineas mi ri mo nigheann anns a'Bheurla. Tha na beagan tursan a rinn mi e a'faireachdain gu math neònach.
Nuair a bhios sinn aig a'bhòrd, 's daoine eile aig an taigh, neo gu dearbh aig taigh dhaoine eile, bruidhinidh ri mo nigheann ann an Gàidhlig a-mhàin.
Gu dearbh, tha sin a'coimhead car neònach dan fheadhainn. Chan eil sin gu diofar ge-ta, tha cliù agam a bhith neonach co-diugh.
Agus dh'fhàs mo bhean car cleachdte ris an t-suidheachadh seo cuideachd. Tha fhios aice dè a tha mi ag ràdh mar as trice. Turas a bha seo, thuirt mi ri mo nigheann: A bheil fhios agad, a nigheann, chunnaic mi coinneachadh ri thaogh an rathaid air mo shlighe dhachaidh an-diugh. 'S thuirt mo bhean: did see a rabbit on the way home?
Chuck
Post a Comment
<< Home