An Gaidheal Alascanach

Saturday, October 29, 2005

Teaghlaichean dà-chànach (2)

An turas mu dheireadh, bha mi a-mach air teaghlaichean dà-chànanach, air mar gur e deagh bheachd a th'ann.

An turas seo, tha mi airson beagan na abairtean a chleachdas mi leis a'chlann bige. 'S dòcha nach eil iad uile ceart. Tha feadhainn aca a chruthaich mi-fhìn. Tha feadhainn aca nach nochdas idir anns na leabhraichean Gàidhlig.

'S e 'A Ghràidh' a chanas mi an-còmhnaidh ri mo nigheann.

Nuair a bhios iad beaga, feumaidh mi am badan atharrachadh bho àm gu àm. Uaireanan, bith mi ag ràdh:

Feumaidh sinn badan ùr (neo tioram neo glan) a chuir ort.

Tha thu salach,

Tha thu fluich.

Tha fàileas àraidh ort.

Abairtean èile:

'S e àm [faic nas fhaide sìos] a th'ann.

amar-nighe, leapa, suipear, a dhol a-mach, cadail, pràmh (ach 's dòcha gu bheil norrag nas fheàrr)

A bheil thu ag iarraidh bainne. A bheil thu ag iarraidh èisteachd ri sgeulachd.

'S e na h-ainmean bìdh a tha gu math doirbh. Chruthaich mi-fhìn feadhainn na h-ainmean a chleachdas mi. Mar eiseimplir, tha 'cream cheese' ann, uile, do mo nigheann, 's e càise-ìmach a th'ann. Chan eil fhios 'am.

Abairtean eile:

Feumaidh sinn aodach-oidhche a chuir ort. (neo stocainnean, brògan, is mar sin adhart).

Uile ma tha, sin feadhain na h-abairtean a chleachdas mi. Ma tha abairtean feumail a chleachdas sibhse, bhiodh mi toilichte nan chuireadh sibh thugam iad.

Chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home