An Gaidheal Alascanach

Sunday, January 01, 2006

Bodach na Nollaig


Thàinig Bodach na Nollaig Dihaoine sa chaidh. Seo am finais, cnap beag leabhraichean Gàidhlig.

Am measg nan leabhraichean: Am Faclair le Colin Mark. Tha mi a'tuigsinn carson a tha a h-uile mac 's nic mathar a'moladh an fhaclair seo. 'S e fìor deagh fhaclar a th'ann. Tha a h-uile càil sgrìobhte ann an dòigh tha gu math soilleir 's furasta a thuigsinn.

Am measg nan leabhraichean eile: Rìoghachd nan Eilean. Abair leabhar a tha a'coimhead inntinneach. Chan fhaca mi a-riamh a leithid ann an Gàidhlig. Tha an Leabhar seo a-mach air eachdraidh na Gàidhealtachd eadar an siathamh agus an siathamh linn deug. Tha tòrr dealbhan 's mapaichean ann.

A bharrachd air a sin, fhuair mi dà leabhar airson cloinne: Seumas is Eòghainn le Tuilleadh Spòrs. Agus Teàrlag agus am Bodach-Sneachd. Chanainn gu bheil iad gu math freagarrach airson mo nigheann a tha dhà bhliadhna a dh'aois. Tha na dealbhan air leth inntinneach.

Leis gu bheil mi a'fuireach fad air falbh bhon an Alba, bith mi a'faighinn leabhraichean gun am faicinn. Mar sin, bho àm gu àm bith na leabhraichean cloinne a gheibheas mi rudeigin mi-fhreagarrach airson mo nigheann. Ach an turas seo, tha na leabhraichean-sa gu math freagarrach. Bu mhath leam leabhraichean eile den sreath seo a cheannach.

Agus tha an leabhar Ath-Athne ann an cruth CD agus leabhar agam cuideachd. Chan eil beachd sam bith agam orra ach 's toil leam leabhraichean eile bho Ur-sgeul, gu h-àraidh nuair a bhios iad ann an cruth CD agus leabhar.

Chuck

1 Comments:

Blogger mona said...

taghadh math gu dearbh! nach glic a bha bodach na nollaige seo :-)
tha "rìoghachd nan eilean" agam cuideachd agus tha e a' còrdadh rium gu mòr. tha dùil agam rudeigin a sgrìobhadh mu dheidhinn airson "cothrom" a dh' aithghearr.
tha mi cinnteach gu bheil "tearlag agus am bodach sneachda" sgoinneil cuideachd, bha dùil agam am fear seo a cheannachd, tha e air an liosta agam, ach mar as àbhaist chan eil airgead agam idir. an dearbh rud le "ath-aithne", gu h-àraidh tha ùidh agam anns na clàran...!
tha mi an dòchas gum bi spòrs mòr agad - agus aig do nighean? - leis na gibhtean seo :-)
mona

2:46 PM  

Post a Comment

<< Home