...an sin bith crathadh làmhan ann 's bilean bhàth toirt pòg…
As deidh dhaibh a bhith air falbh cha mhòr bhliadhna gu leth, thill na gaisgich Kodiadaidh on chogadh an-diugh.
Chruinnich muinntir Kodiak nan ceudan aig puirt-adhair airson fàilt a thoirt don saighdearan an National Guard Kodiak. Bha an seomar-fheitheamh làn brataich 's bailiùnan dearg, geal, gorm 's buidhe.
A' chiad itealan a thàinig, cha nochd ach dithis aisde. Thug sinn fàilte blath, blath dhaibh 's dh'fheithich sinn an ath itealan. Uair na b'fhaide, thàinig itealan eile 's an turas seo nochd mu dhusan shaighdearan 's an turas seo spreidh caithream o mhuinntir a bha an lathair. Bha na deòir a'sruthadh 's mar a thathar a'ràdh sa phìos bhàrdachd, bha crathadh làmhan 's bilean blath toirt pòg. 'S an uairsin, sheinn a'mhuinntir òrain na duthcha, fear as deidh cheile. Uaireanan, stadadh guth a sheinn air sgath na deòir ach sheinneach guth eile na bu làidire buileach, 's fad an t-siughail bha eigheachdan buaidh ann 's pògan air an toirt.
Air mo cùlaibh, chuala mi guth bodaich ag ràdh: cha b'ann mar a bha e nuair a thill mise. Gu dearbh cha robh. Gun teagamh 's e seann saighdear chogaidh Vietnam a bh'ann.
Mhoithich mi saighdear a s'aithne dhomh, Kris. Tha e ag obair aig aon àite sa tha mise. Bha e a'giulainn a nigheann na ghàirdeanan a bha a'strì fhaighinn air falbh. Dh'fhalbh e an uair ud mar athair dhi 's thill e an uair seo mar shrainnsear. Bha e foilliseach dhomh mar a bha e a'faireachdain. Dh'fhaighnich mi dheth dè an aois a tha a nigheann ged a bha fhios 'am. 'S an uair sin dh'innis mi dha mar a bha cùisean airson mo bhràthair nuair a chaidh esan gu Iraq ann an 1990. Tha nigheann aigesan a bha sia mìosan a dh'aois nuair a dh'fhalbh e. Nuair a thill esan, bha e na shrainnsear dhi. Mar eiseimpleir, nuair a ghoirteadh i a giulainn, b'ann a-chum a mathair a rachadh i seach a-chum a h-athair. Dh'innis mi sin do Khris gur e rud nàdarach a th'ann. Cha do dh'innis mi dha ge-ta nach eil mi builleach cinnteach ma do dhlùth a-riamh nigheann mo brathar ri a h-athair.
Ach, tha iad fortanach. Cha robh iad air falbh ach airson bliadhna gu leth. B'ann airson iomadach bliadhna a bhiodh iad a bhith air falbh anns na cogaidhean san amannan a dh'fhalbh. 'S aig amannan bhiodh iad air falbh gu sìorraidh buan.
Nuair a bha sinn a'falbh, thuirt mo charaid rium gum bu còir dhomh mo phìoban a thoirt leam 's puirt neo dhà a chluich air an son. Tha, thuirt mi. 'S bochd nach do rinn mi sin. An ath chodadh thuirt mi. Nì mi sin an ath chogadh.
Chuck
0 Comments:
Post a Comment
<< Home