A' Sreap Beinn MacAongais
'S e latha saor a bh'ann an-diugh. Labor day anns na Stàitean Aonaichte. Gu h-iongantach as deidh cha mhòr mìos gu lèir le sìor-uisge ann, fhuair sinn dà latha bhreagha blàth grianach disatharne 's didomhnaich 's mar sin chuir mi-fhìn romham 's caraid dhomh cuairt a dheanamh gu mullach beinne MacAongais a tha faisg air an taigh againn. 'S beinn meadhanach àrd a th'innte, mu 1500 m os cionn na mara. Nuair a dhùisg mi sa mhadainn, bha e grianach soilleir. Chuir mi fòn gu mo charaid 's bha sinn nar beachd gu robh an aimsir math gu leòr airson cuairt a dh'fheuchainn gu mullach na beinne. Uill, cha b'fhada mus robh an t-uisge ann ach dh'fhalbh sinn co-dhiugh.
Bha tuil mhòr ann dihaoine sa chaidh 's bha fianais dhi air feadh an àite. Co-diugh, cha do stad an t-uisge ach cùm sinn oirnn gus robh sinn mi 1000m os cionn na mara 's 5 mìle air falbh. Bha sinn os cionn ìre nan craobhan 's bu lèir dhuinn beantainn cas creagach 's eigh-shruth cuideachd. Ach bha na neòil a'fàs na b'ìsle 's chaidh mullach nam beann à sealladh. 'S beag orm a bhith air cuairt nuair nach lèir dhut ach 25m. Tha e cunnartach cuideachd. Faodaidh tu do chall gu furasda. Mar sin, thionndaidh sinn dhachaidh 's aig an dearbh àm thòisich uisge trom a bhith ann 's gaoth làidir. Gu h-ìongantach, stad an t-uisge mus do ràinig sinn bun na beinne. Bha mi coma ge-ta, s'fheàrr a bhith ceàrr ann an tionndachadh air ais na ann an cumail air.
Air ar slighe suas, stad sinn airson greis ann an àite a tha gu math breagha le sealladh uabhasach fhèin math air na beanntainn timcheall air. Bha buidheann de ghearmailtich ann. Bhruidhinn sinn riutha airson greas.
Chuck
2 Comments:
'S toigh leam an dealbh, a Thearlaich!
Chan fhaic sinn sealladh mar sin anns na "Flatlands" far a bheil mise ...
Liam
Tapadh leat a Liam. 'S e àite ùr dhomhsa fhathast leis do ghluais sinn an seo na bu thràithe am bliadhna. Tha tòrr ri sgrìobhadh mu an àite seo.
Rud a bu mhath leam innse 's e na h-eigh-shruth a tha mun cuairt a' bhaile. Bu mhath leam sgrìobhadh mu mar a tha iad a'fàs nas lugha 's a'cheangal eadar sin 's teasachadh cruinne-ce.
Chuck
Post a Comment
<< Home