An Gaidheal Alascanach

Tuesday, August 08, 2006

Tachairt feargach

Bha mi air mo shlighe dhachaidh air mo bhaighsaigail dihaoine sa chaidh 's bha mi a'dol seachad air buth a tha seo 's bha tòrr poileasman ann 's stad fear dhiubh mi 's cha do leig e mi dhol seachad. Mhol e dhomh slighe èile a ghabhail na àite. Dh'fhaighnich mi dheth dè bha a'tachairt. Dh'innse e dhomh gu robh cuideigin le gunna anns a'choille air chùl na butha, dìreach ri thaobh mo shlighe. Cò-dhiùgh, chùm mi orm dhachaidh air an t-slighe a mhol am poileasman dhomh 's dh'innse mi do mo bhean dè a thachair 's cha do smaoinich mi an còrr dheth.

Uill, an-diùgh (dimàrt) fhuair mo bhean a-mach dè a thachair. 'S e muirt a bh'ann. Bha duine a bha seo, gun dhachaidh le eachdraidh eucoir, a ghoid gunna bho buth eile 's an uairsin, losg e air ceann duine a bha seo na sheasamh air cul na butha san dol seachdad. Cha b'aithne iad do chèile idir, bha an duine marbh ann an Juneau dìreach airson an latha fhèin. Bith mise seachad air an dearbh àite gach h-uile latha, 's gu furasda dh'fhaodadh gum bu mise am marbh. Ach 's dòcha nach robh riamh ann am fìor cunnart, bha am muirtear an tòir cuideigin fada na b'fhasa na duine aig astar air bhaighsagail.

Carson? Uill, dè shaoileadh tu a thachras ris a'mhuirtear-sa, ris an duine aig nach robh dhachaidh, a chuir às do dhuine nach b'àithne dha gu adhbhar sam bith.? Uill, gheibh e an dearbh rud a bha dhìth air: fasgadh 's biadh saor anasgaidh gus tig a shaoghal gu crìoch, gu nàdarach. Chan eil binn bhàis ann an Alàsca. 'S dòcha gur e sin a bha na inntinn nuair a chuir roimhe cuideigin a mhuirt.

Chuck

1 Comments:

Blogger Graisg said...

Tha sin sgriosail Theàrlaich. Dh’ fhaodadh gu bheil thusa ceart gu mì-fhortanach. Chan eil an dorchadas a riamh fada a-mach nach eil? Uaireannan tha mi den bheachd gur e le olc a tha làimh an uachdair sna làithean seo

3:48 AM  

Post a Comment

<< Home