Leabhar: MacCurraidh agus an t-Isean
      
Chan eil fhios 'am ma s e math dhomh sin aideachadh.  Oir chan eil mi ag iarraidh gum dean daoine farpais nam aghaidh.  Leis gu bheil nighean òg agam tha mi sìor an tòir leabhraichean Gàidhlig cloinne a bhiodh freagarrach dhi.  Ag amannan bith mi gan ceannach air E-bay. 'S e deagh àite airson sin a dheanamh.  Uaireanan bith mi a'lorg leabhraichean a tha math fhèin ann.
Cheannaich mi an leabhar seo o chionn greas.  Dh'fhoillsicheadh e ann 1977 's ann dhen t-sreath dhon chlann bunsgoil sa tha e, mar thuirt iad 'freagarrach do luchd-leughaidh eadar 8 agus 10 bliadhna a dh'aois.'
Tha 20 duilleagan san leabhar le gach darna fear le dealbh air.  'S ged nach eil na duilleagan iom-dhathach, tha iad gu math tarraigneach.  's na duilleagan le sgrìobhaidhean orra, tha mu còig loighn deug air.
Tha an sgeul fhèin mu dhuine a lorg isean neònach air a'chladach a tha deònach na tri rudan as fheàrr san t-saoghal a thoirt dha ma leigeas esan ma sgaoil e.  Chan eil e airson sin a dheanamh 's tha an sgeul ag innse dhuinn de a leanas.
Nuair a ràinig an leabhar-seo, cha robh mi cinnteach nam biodh e freagarrach do mo nighean a tha ach tri bliadhna dh'aois.  Dh'fheuch mi co-dhiùgh 's mòr an iognadh orm, tha an leabhar a'còrdadh ri mo nighean ged a bhiodh e na b'fheàrr do chloinn nas sìne.  Tha an leabhar sgrìobhte ann an dòigh car bàrdail ann an cainnt simplidh.
Tha sia leabhraichean san t-sreath seo:
  - UIlleam Bàn agus an Iolair
  - Rud a Chunnaich Uiseag
  - MacCurraich agus an t-Isean
  - MacCurraich agus am Melòdeon
  - An Nead
  - Luasgan
Cheannaich mi 'Uilleam Bàn agus an Iolair' san aon àm sa cheannaich mi MacCurraich agus an t-Isean 's ged nach eil e cho math nam bheachd-sa tha e math gu leòr co-dhiùgh 's tha e a'còrdadh do mo nighean.  Ma cothrom na leabhraichean eile dhen t-sreath a cheannach nì mi e.
Chuck
    

0 Comments:
Post a Comment
<< Home