An Gaidheal Alascanach

Friday, September 29, 2006

Turas a Kake (and ice cream)



An t-seachdain sa chaidh, fhuair mi cothrom dhol sìos a Kake, buidhinn bheag de thaighean le raon-itealain mòr. Agus sin an t-adhbhar a deachd sinn ann - chan eil an raon-itealain cho rèidh sa bu chòir dha a bhith 's faodar damaist a dheanamh air itealain nuair a bhualas iad na badan mi-rèidh aig astar.

Chaidh sinn ann ann an itealan beag a ghiùlaineas ceithrear. San òg-mhìos chaidh mi a Phetersburg ann an itealan beag 's cha robh an aimsir cho math an turas ud. Bha i bu math sgothach 's bha duidhleadas mhòr aig a'philiot ar slighe fhaicinn air ais gu Juneau. Ach an turas seo, bha deagh aimsir againn le sgothan briste bho 2000 tròigh suas tu 3000 tròigh. Bu lèir dhuinn ar slighe ceart gu leòr.

Co-dhiugh, nuair a ràinig sinn, bha mathan dubh mòr na sheasamh gar feitheamh (mar gum bhiodh) aig òir an raoin-itealain. Bha e ach beagan tròigh buainn nuair a chaidh sinn seachad air. Rinn sinn ar cuid obair, a'comharrachadh 's a'tomhais na badan ceàrr air an raon-itealain. Dh'fheimh an itealan sinn 's nuair a chrìochnich sinn chaidh sinn air ais.


Air slighe air ais, ann àite dhol timcheall air eilein Douglas 's dhlùthachadh air Juneau bhon àirde a tuath ('s a'ghaoth bho àrd a deas), chunnaic am piliot slighe tro na sgothan 's chuir e roimhe dhol tro ghleann àrd chaol an eilein. Bha na craobhan gu math faisg oirnn gu sìos 's air gach taobh dhinn. Ceithir neo còig mionaidean as deigh sin, bha sinn air talamh tioram ann an Juneau.

1 Comments:

Blogger Graisg said...

Tha an taisbeanadh ag obrachadh gu math Chuc, sin thu fhèin!

3:23 AM  

Post a Comment

<< Home