Cuairt anns na Beanntainn
As deidh dhuinn a bhith a'fualang uisge trom o chionn fhada nochd ball anasach anns na speuran an dè: a'ghrian. A bharrachd air a sin, thionndaidh na speuran gu dath air leth anasach: gorm. Mar sin, chaidh mi 's caraid dhomh air cuairt anns na beanntainn a tha mun cuairt. Ged nach robh sneachd aig ìre a'bhaile, bha sneachd gu leòr ann beagan na b'àirde. Bha suar gu troidh den t-sneachd ann far a stad sinn 's bha deagh shealladh againn cuideachd. Bha e foilliseach, fada sa bha e a'cuir uisge anns a'bhaile bha e a'cuir sneachd anns na beantainn.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home