An Gaidheal Alascanach

Sunday, November 12, 2006

Tadhal na BBC air Tìr nam Blog



Thadhail sgioba na BBC air Tìr nam Blog an t-seachdain sa chaidh seachad. Ràinig iad Juneau, Alasca, tè de na sgìrean na Tìre nam Blog an deireadh sheachdain-sa. Bha Annie ann, a'bhean-stiùiridh 's Ian am fear-camara 's Isbeil a'bhean-phresenter.

An toiseach, chaidh iad a Los Angelos, sgìre eile na duthcha Tìr nam Blog 's chuir iad seachad ùine le Alasdair 's an uairsin thàinig iad a Juneau. Bha iad uabhasach fhèin laghadh 's b'ann riumsa a dh'fhairich mi urram mòr bhuapasan.

Thug sinn sùil air na seallaidhean na sgìre an seo. Mar eiseimplir sheall sinn air an eighr-shruth Mendenhall. Choimhead sinn cuideachd air tè de na seann mèinnean-òir, Treadwell. Choinnich iad cuideachd ris a'buidhinn ris a tha mi a'teagaisg na Gàidhlig. Rinn a'bhuidhinn uabhasach fhèin math feumaidh mi ràdh.

A bharrachd air a sin, rinn iad clàr dhinn 's sinn a'skypeadh. Bha Lìosa à Kazakstan ann 's Gràisg à Inbhir Narrann 's Alasdair à Los Angelos 's MacSteaphan a th'ann an Iapain.

Bha e gu math innteannach an coimhead san obair aca 's mar a chuirear prògraman telebhesean còmhla.

Tha iad a'deanamh prògram air feadhain a tha an sàs ann an Tìr nam Blog. Bith a'phrogram-sa pàirt den t-sreath a bhios a'comharrachadh na bliadhna 2007 mar Bhliadhna na Gaidhealtachd ' nochdaidh e an ath-earrach.

chuck

0 Comments:

Post a Comment

<< Home