Teicheadh ron Nàmhaid
Uill, tha a gach h-uile coltas gu bheil na Stàitean Aonaichte ag ullachadh teicheadh bhon Irac. 'S dhomh-sa a tha a'bruidhinn mar ameireaganach 's e ar cuid amaideas againn-fhìn a tha a'cuir ruaig oirnn. 'S ma nì sinn e, 's mearrachd as mìosa a s'urrainn a bhith ann 's chan urrainn dhomh chreidinn mar cho meud de luchd-poiliteags sna S.A. a tha ga mholadh.
Feumaidh mi aideachadh gu robh mi airson a'chogaidh. Bha mi a'creidinn gu robh armachd chunnartach aig Saddam Hussein 's as deidh an sgrios a bh'ann an 9-11, bha e follaiseach dhomh gur e a'seachnadh ionnsaidhean a bu mhiosa an rud a bu chudromaiche a bh'ann. A bharrachd air a sin, nan gabhadh riaghaltas deamocrasach stèidheachadh sa chrios meadhan na h-ear meadhanach, nach b'fheàrr a bhiodh sin.
Uill, tha fhios againn an-diugh nach robh armachd chunnartachd aig Saddam ged a tha mi fhathast rudeigin amharasach. Tha mi a'dlùthachadh dhan bheachd gur e mearachd a bh'ann 's chan ann air sgàth gu robh e an aghaidh lagha eadar-naiseanta a bh'ann. Chan eil mi cinnteach gu robh ach nan robh, tha mearachdan fada nas mìosa na bhith a'briseadh lagh eadar-naiseanta, rudan mar fulang srios niùclasach. 'S e mearachd a bh'ann air sgàth gu robh cleachdaidhean na b'fheàrr againn do ar feachdan 's bha naimhdean na bu chunnairtaiche na Irac.
Co-diugh neo co-dhe, tha sinn ann an Irac 's feumaidh sinn buanachadh ge be a thacras. Chaidh sinn a steach dhan Afganistan air sgàth gur e campa trèinidh a bh'ann dhan luchd-fuathais. Agus 's e deagh adhbhar a bh'ann. Ach ma dh'fhàgas sinn Irac, nach rachadh stèidhicheadh stàite-ceannarcaidh fada na bu mhiosa na bh'againn ann an Afganistan far a dh'fhaodas iad ionnsaidhean ullachadh nar aghaidh? Am feudar dhuinn ionnsaidhean fada na bu mhiosa na 9-11 ri fulang mus ionnsaicheas sinn nach e fealla-dhà a th'ann na luchd-ceannarcaidh? Tha eagal orm gum feudar.
Tha mise fear de na luchd-bhotaidh a bha mi-thoilichte le Bush. Tha mi mi-thoilichte air sgàth gu bheil sinn a'call ann an Irac. Bha mòran dhinn a'crèidinn gu robh armachd cunnartach aig Saddam 's chan eil mi a'gearain gu robh Bush den aon bheachd. Tha mi a'gearain air sgàth gu bheil sinn a'call agus 's e cuid amaideas Bush as coireach.
Dè na mearachdan a rinn sinn ann an Irac? Tha mi an dòchas beachdachadh orra sna h-aithrisean ri teachd.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home