Cuairt Skii air an Loch Mendanhall
'S e latha taingealachd a bh'ann an-dè, 's e latha-saor a th'ann anns na S.A. 'S àbhaist do dhaoine a cruinneachadh còmhla 's a dh'ithe 's a dh'ithe, gun sguir 's gun fhois.
Co-diùgh, dhùisg mi 's thug mi sùil air an tomhas-teas: -23C. Ach bha e grianach breagha. Mar sin, chaidh mi a-mach air cuairt skii air an lach Mendanhall. Chaidh mi a-chum na h-eighr-sruth. Cha do ruig mi i ge-ta. Bha mo chasan a'fàs beagan fuar 's dh'fhàs mi na b'fhuaire air an t-slighe dhachaidh leis gu robh a'ghaoth nam aghaidh. Co-diùgh, chòrd an cuairt rium gu mòr 's tha dùil agam dhol a-mach a-rithist, fuachd ann neo às.
0 Comments:
Post a Comment
<< Home