Tha mo cheann-shuidhe cho gòrach an-diugh
Tha mi a'gearain mu Sheòras Bush 's an cogadh ann an Irac. Tha e air fàs gu math faiseanta a bhith gearain mu dheidhinn ach saoilidh mi nach eil mise a'gearain airson nan dearbh adhbharan sa tha mòran. Chan eil mi a'gearain air sgàth gu bheil e a'sabaist ach air sgàth gu bheil e a'sabaist gu tuathal. Tha a dhòighean cogaidh loma-làn de dh'amaideas.
Chaidh iad ann le feachdan ro bheag dhan chùis
Ma b'fheudar dhuinn leth mhillian saighdearan airson Irac a phutadh às an Kuweit, carson a chreid iad gun dh'fhoghainneadh an treas uiread airson Iraic gu lèir? Chuir iad ruaig air an airm Iragach ceart gu leòr, ach 's e an t-amas a bh'aca smachd a chumail air an duthaich. 'S dòcha gun do chuir e iongnadh orra mar a thuit riaghaltas na h-Irag o cheile. 'S e tachartas iongantas a bh'ann gu dearbh. Ach carson ma tha a…
Chuir Iad As dhan Arm Iracach?
Nuair a thuit riaghaltas Iraic o cheile buileach, 's e feachdan an rud a bu cuthdromaiche a bh'ann airson smachd a chumail air an duthaich. Leis gur iad na Stàitean Aonaichte a thug ionnsaigh air Irac, 's ann acasan ri cùram a chumail air an duthaich. Bi cuimhne, nuair a thuit an riaghaltasan naiseanta 's ionadail, nuair a theich na feachdan poilea à bith, bha an t-arm Iracach fhathast ann am bith. Bha e gu math foilliseach nach robh na feachdan a bh'againn a'foghainn airson smachd a chumail air an duthaich. 'S ann an uair sin a chuir iad as dhan arm Iracach. Mearachd mhor a th'ann. Bhon uair sin, chaidh mòran de na saighdearan thairis do na reubaltaich.
Rinn iad treas mearachd, thar tri bliadhnaichean de chogadh, mheall iad iad fhèin gu robh feachdan gu leòr ann an Irac an aghaidh gach uile fianais. Bha iad a'sìor-dhiùltadh aithneachadh gu robh feachdan a dhìth. 'S chail corra seanalran an dreuchd air sgàth gun do mhol iad na bha Rumfeld a'diùltadh a chluinntinn rud a bha foilliseachd do dhuine sam bith co-diùgh. Ma 's e leth mhillian a tha dhìth, faigh iad 's cuir iad ann. Ach an-dràsda, tha feadhainn a'moladh gum bu chòir dhuinn tharraing as an duthaich.
Chan eil rian sam bith ann a bhith a'toirt ionnsaidh air duthaich 's an uair sin a fàgail bun os cionn. Ach 's e sin a tha iad a'moladh nach e. A bharrachd air a sin, 's e an rùn a bh'againn tèarmann a thoirt bhon nàmhaid, a'ciallachadh àite far a dh'fhaodas luchd-ceannairc ionnsaighean phlànachadh an aghaidh dùthchanan eile. Ach ma dh'fhàgas sinn Irac, bheir sinn tèarmann dhan nàmhaid 's tha mi deimhinne gum fulaing sinn ionnsaigh eile 's 's dòcha gum bi e mas miosa buileach.
Chuala mi aithris a thug beagan dòchas dhomh: 's e nach robh Bush ann an cabhag a ghabhail ri na molaidhean a thugadh a-mach o chionn goirid.
1 Comments:
‘Ma b'fheudar dhuinn leth mhillian saighdearan airson Irac a phutadh às an Kuweit’
Tha fhios agad cheana Chuc gur e mo bheachdsa nach eil mise a’ faicinn dè tha ceart agus dè tha ceàrr leis an t-suidheachadh ann an Iarac. A bheil freagairt aig duine sam bith a-nis?
Co-dhiù tha fhios agam rudeigin a bha gu tur ceàrr. Sa chiad cogaidh Iarac, stad an taobh an iar aig na crìochan eadar Kuweit agus Iarac. Taobh thall na crìochan ud rinn na Shia ar-a-mach agus bha iad a’ lorg taic agus smaoinich iad gun toireadh sinn saorsa dhaibh. Cha d’ thachair sin, bhàsaich iad nan mìltean fo ainneart Sadam. Carson am bu chòir earbsa sam bith a bhith aca anns feachd nan Stàitean no Bhreatainn no dùthaich sam bith eile san taobh an iar?
Post a Comment
<< Home