'S e beathach fiathaich a th'ann am madadh-allaidh
'S e latha grianach breagha a bh'againn an-diugh. Mar sin, chaidh mi-fhìn 's mo dhà nighean a-mach air cuairt gu Loch Mendanhall feuch am faic sinn am madadh-allaidh. Chan eil cù againn ach tha sinn a'coimhead as deidh coin fad 's a tha a theaghlach air falbh 's thug sinn e còmhla rinn mar mhealladh dhan mhadadh-allaidh. 'S toigh leis am madadh-allaidh coin.
'S chunnaic sinn e cha mhòr sa bhad ach fad às. Chòisich sinn na b'fhaisge. Chunnaic sinn e a'cluich le coin eile. An uair sin, chunnaic e an cù a bha còmhla rinn, 's chòisich e thugainn. Bha e cho breagha, bha taogh a-staigh deich neo còig meatairean deug. Chunnaic mi nigheanan e 's bha mo nighean as òige a'cantainn rudan mar 'hi wolf.'
Thàinig duine eile aig an robh cù beag: pug. Chunnaic mo nighean nas òige, Sarah, e. Dhìochuimhnich i am madadh-allaidh. Bha mi nighean a'cluich leis a'phug. An uair sin, thoisich am madadh-allaidh a choiseach beagan air falbh. Chunnaic mo nighean sin 's thòisich a ruith as dheidh a'mhadadh-allaidh ag eigheachd air tighinn air ais. Ruith Laura, mo nighean as sìne as a deidh 's ghlac ise i.
Aig cha mhòr aig an aon àm, fhuair am pug air falbh bho a mhaighstear 's ruith a chun a'mhadadh-allaidh. Le uabhas, chunnaic sinn am madadh-allaidh a'beir greim air a'phug na bheul 's ga chrachadh gu cruaidh. Smaoinich mi: oh sin direadh a'phug ach gu h-iongantach fhuair e air falbh 's ruith e a chum a'mhaightear.
Fhuair mi dealbhan 's bhideo de a h-uile càil 's lean na ceanglan.
Chuck
Bhideo goirid dhen mhadadh-allaidh a'ruith:
Bhideo de mo nighean a'ruith as dheidh a'mhadadh-allaidh:
Bhideo den phug a'teicheadh bhon a'mhadadh-allaidh as dheidh dha a bhith air a chrachadh na bheul:
Bhideo mu dheireadh dhen t-suidheachadh. Sealladh dhen phug ann an làmhan a'mhaightear 's eagal a bheatha air:
5 Comments:
Abair gu robh sin inntinneach, a Theàrlaich! Cùm grèim làidir air do nighean, air eagal `s gum faigh am madadh-allaidh greim dhith.
Wow, tha seo inntinneach gu dearbh! Agus rud beag cunnartach.
Thoir pìos seòclaid dha ma tha trioblaideanagad. Cha bhi fada gus am bi an creutair ud a' dol dhachaigh le cuideigin
Nach ann mar sin a dh'atharraich a'chiad mhadadh-allaidh na chù!
Ach ge-ta saoilidh mi nach b'fheàrr leis nan tabhann mi pub beag dha ann àite seòclaid.
Post a Comment
<< Home